Taighean an t-Òib: "Neart nan daoine a chùm seo a' dol"

Catriona Nic IllInnean
  • Air fhoillseachadh

Tha muinntir an t-Òib a' dèanamh gàirdeachais leis an naidheachd gun tèid 12 dachaigh a thogail sa bhaile, ged a tha ceist ann fhathast mu chuibhreann den airgead.

Thàinig dearbhadh air na taighean ùra bho Bhuidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) Diluain.

Bha mì-thoileachas mòr air a bhith san sgìre nuair a thàinig e am follais bho thùs nach rachadh ach sia taighean a thogail.

A rèir nan daoine bha feum air dusan taigh co-dhìu is rabhadh a' tighinnn bhuapa nach biodh a' choimhearsnachd buan mura biodh dachaighean ùra ann do dhaoine òga agus luchd-obrach.

A' bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal às an t-Òb madainn Dimàirt, thuirt Catriona NicIllinnein gur e naidheachd mhòr a th' ann dhan sgìre.

"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil a' chosgais a tha an sàs san sgeama gu math, gu math daor, ach an rud a chanainn-sa aig ìre coimhearsnachd, chan urrainn dhut prìs a chur air an fheum a nì an sgeama seo dhan choimhearsnachd againn".

"Mura tigeadh an sgeama taigheadais bha cosgais fada, fada nas motha gu bhith an sàs", thuirt i.

Fon aonta ùr bidh na taighean uile air an leigeil a-mach air mhàl seach dhà dhiubh a bhiodh rin ceannach, a' fàgail gum faighear grant nas motha bho Riaghaltas na h-Alba.

Bidh dà thaigh a bha gu bhith air an togail ann an Steòrnabhagh fo ro-innleachd taigheadais Comhairle nan Eilean Siar a-nis mar phàirt de leasachadh an t-Òib.

Chaidh innse cuideachd Diluain gun do dh'aontaich a' chompanaidh-togail, Alex Murray Construction, a' phrìs aca a lùghdachadh is gu bheil comhairlichean na sgìre air cuid den mhaoineachadh uàird aca a thoirt seachad.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Catriona NicIllinnein a' bruidhinn air Aithris na Maidne.

Tha muinntir an àite a-nise a' togail ceist mu chuibhreann den airgead - timcheall air £34,500 - is iad a' sireadh soillearachaidh mu dheidhinn.

"Às dèidh beagan a bharrachd rannsachaidh a dhèanamh tha e coltach gu bheil iad ag iarraidh cnap airgid a thoirt a-mach à Stòras Coimhearsnachd Oighreachd a' Chrùin, sin airgead a bhios ri thabhainn mar ghrant anns na coimhearsnachdan agus bidh diofar bhuidhnean gu h-ionadail a' cur a-steach airson an airgid sin", thuirt a' Bh Ph NicIllinnein.

"Chan eil mi nam aonar a bhith ag ràdh nach bi daoine toilichte leis a sin. Ma bheir iad sin às an stòras sin, chan eil gu leòr airgid gu bhith ann airson rudan a chumail a' dol sa choimhearsnachd.

"Cha bu chòir dhan choimhearsnachd seo tighinn aig cosgais dhan choimhearsnachd mar sin".

Thuirt a' Bh Ph NicIllinnein gun tèid soillearachadh a shireadh air a' cheist seo san aithghearrachd ach nach eil dùil ann gun cuireadh e bacadh air an sgeama co-dhiù.

Tha dùil ann a-nise gun tòisich obair-togail as t-samhradh is gum faodadh na taighean ùra a bhith deiseil ann am bliadhna gu leth no mar sin.

Is tha muinntir Cheann a Deas na Hearadh ag ràdh gum bu chòir do choimhearsnachdan eile spionnadh a thoirt às an t-srì a rinn iadsan.

"Chanainn-sa do choimhearsnachd sam bith a tha san aon seorsa suidheachadh: na leig a' chùis seachad idir is cumaibh a' dol a dh'aindeoin 's dè thèid a ràdh ribh", thuirt Catriona NicIllinnein.

"'S e neart nan daoine a chùm seo a' dol aig a' cheann thall. Iomadach triop chaidh a ràdh rinn 'oh uill chan eil fhios againn ciamar a bheir sinn seo gu buil' no 'chan urrainn dhuinn ach sia taighean a thoirt dhuibh'.

"Chùm sinn a' dol a' strì. Bha àite uabhasach mòr agus cudromach aig a' chomhairle coimhearsnachd is tha iad rim moladh airson an obair a chuir iad a-steach, a dh'aindeoin a h-uile cnap-starra a bh' ann".