FTMG gus tòiseachadh an Siorrachd Rinn Friù an Ear

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Foghlam Gàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear.

Tha dùil gun tòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear an ath-bhliadhna.

Chan eil foghlam Gàidhlig san sgìre an-dràsta is dh'fhaillich le oidhirp bho phàrantan a stèidheachadh ann an 2017.

Dhiùlt Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear an tagradh sin aig a' chiad ìre.

Chaidh tagradh ùr a chur a-steach san Dàmhair an-uiridh ge-tà, is dh'innis a' Chomhairle roimhe gun robh iad air gluasad chun na dàrna ìre de sgrùdadh.

Iarrtas

Às dèidh measadh, taobh a-muigh a dhèanamh, tha Roinn Foghlaim Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear a-nise ag ràdh gu bheil e "soilleir" fon stiùireadh reachdail a th' ann gu bheil iarrtas gu leòr ann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh 'son na bliadhna-sgoile 2023/24.

A thuilleadh air an iarrtas sin, sheall am measadh gu bheil clann às an sgìre mar-thà ann am foghlam Gàidhlig ann an sgìrean eile faisg air làimhe, ach gu bheil dìth àiteachan a' ciallachadh gu bheil a h-uile coltas ann gun rachadh iarrtasan a dhiùltadh anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Fhuair am measadh cuideachd gu bheil e coltach gun tigeadh taic-airgid shusbainteach bho Riaghaltas na h-Alba airson foghlam Gàidhlig a leasachadh ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear.

Thuirt Roinn an Fhoghlaim gum bu chòir sgìre an ùghdarrais ionadail gu lèir a chleachdadh mar chrìochan FTMG ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear.

Tha am pàipear-measaidh ag ràdh gu bheil e "deatamach" gun tèid luchd-obrach leis na sgilean a tha dhìth a lorg ma tha am plana gus soirbheachadh.

Buannachdan

Thathas ag innse cuideachd gum bu chòir beachdachadh air slighe foghlaim na cloinne le a bhith ag obair a dh'ionnsaigh phlanaichean 'son foghlaim bho aois 3-18.

Tha am pàipear ag ràdh gun coimhead Roinn an Fhoghlaim a-nise ri làraichean a dh'fhaodadh a bhith freagarrach is co-chomhairle a dhèanamh orra.

Dh'innis iad gun obraich iad gus modail a stèidheachadh 'son FTMG a sheallas na buannachdan a tha na chois, is a bhrosnaicheas teaghlaichean a dhol an sàs ann.

Thuirt a' Chomhairle cuideachd gun obraich iad le Bòrd na Gàidhlig gus luchd-obrach fhastadh.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh