Dhiùltadh ìre fìor àrd de thagraidhean FFIS anns na sgìrean croitearachd

Croit anns na Hearadh
  • Air fhoillseachadh

Tha tuilleadh mì-thoileachas ann mun dòigh san deach taic-airgid bho sgeama FFIS do chroitearan 's tuathanaich a làimhseachadh is e air tighinn am follais gun deach feadhainn aig tuath a dhiùltadh aig ìre fada nas motha na pàirtean eile de dh'Alba.

Ann an Leòdhas is na Hearadh cha deach 94% de thagraidhean a mheasadh idir oir cha robh iad air riaghailtean an sgeama a choileanadh.

Anns an Eilean Sgitheanach chaidh 80% a dhiùltadh, mar a chaidh 74% de thagraidhean Uibhist is Barraigh.

Tha ceistean mòra air a bhith ann anns na làithean mu dheireadh mun mhaoineachadh ùr, a tha airson obair àrainneachd a leasachadh ann an àiteachas.

Thog Caidreachas Croitearachd na h-Alba dragh toiseach na seachdain is iad ag ràdh gur e glè bheag de chroitearan a fhuair taic às idir, is dh' iarr BP nan Eilean Siar ath-sgrùdadh a dhèanamh air mar a chaidh an sgeama a làimhseachadh.

A' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt, dh'aidich Ministear an Àiteachais, Jim Fairlie, gur e dìreach 4,000 tagradh 'son taic à còrr is 7,500 uile gu lèir a bha air am measadh, leis nach robh an còrr a rèir nan riaghailtean.

Chaidh pòit airgid luach £21m a roinn eadar 1,600 tagraiche aig a' cheann thall.

Gheall Mgr Fairlie gun ionnsaich Riaghaltas na h-Alba leasanan is gun dèan iad cinnteach gu bheil e "air a thargaideachadh nas fheàrr san àm ri teachd".

Ach tha teas san deasbad às ùr le figearan a tha a' sealltainn gu dìreach na bh' ann de thagraidhean a bha air an diùltadh ann an diofar sgìrean.

Ann an Oifis Steòrnabhaigh mar eisimpleir, bha 94% de thagraidhean nach deach a mheasadh oir cha robh iad air na riaghailtean a choileanadh, is cha do shoirbhich an uairsin ach le nas lugha na 50% de thagraidhean a bha air am measadh.

Dòigh eile sin a thomhas, 's e nach do shoirbhich ach 2% de thagraichean na sgìre sin.

Ach bha dealbh gu math diofraichte ann an cuid de sgìrean eile.

Ann am pàirtean de dh'Alba, bha eadar 30% is 50% de thagraidhean nach robh air am meas a bhith taobh a-staigh riaghailtean an sgeama.

Thuirt àrd-oifigear Caidreachas na Croitearachd, Donna Nic a' Ghobhainn, gu bheil "dragh mòr" oirre mu na figearan ùra.

"Feumaidh sinn tuigse fhaighinn air carson a bha àireamhan cho mòr de thagraidhean air an diùltadh anns na sgìrean croitearachd, agus an e nach robh an stiùireadh soilleir gu leòr, mar eisimpleir timcheall air mar a tha FFIS ag obair còmhla ri CAGS, air neo an robh gnothaichean eile a' toirt buaidh an seo.

"Chuireadh sinn fàilte cuideachd air soillearachadh air mar a chaidh measadh a dhèanamh air na tagraidhean a bha a rèir nan riaghailtean".

Ann am brath ùr, thuirt Jim Fairlie gu bheil e a' tuigsinn gur e briseadh-dùil a bh' ann do mhòran nach robh soirbheachail ach gu bheil mòran eile ann a bha is a gheibh buannachd mhòr às an sgeama.

"Chaidh an obair a stiùireadh le Sgioba Leasachaidh an Àiteachais, le taic bho luchd-obrach air feadh lìonra oifisean ionadail Roinn Sgrùdaidh agus Grantaichean Dùthchail (RPID) , is chaidh an uairsin ath-sgrùdadh neo-eisimileach a dhèanamh air.

"Tha sinn ag obair le luchd-obrach ionadail RPID feuch tuigse nas fheàrr fhaighinn air mar a bha farsaingeachd anns na h-àireamhan de thagraidhean a bha air an diùltadh, is mar as urrainn dhuinn piseach a thoirt air comhairle is stiùireadh timcheall air sgeamaichean eile san àm ri teachd".