Dàil air aiseagan ùra san Tuirc

MV Isle of IslayTùs an deilbh, CMAL
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil a-niste gum bi an MV Isle of Islay deiseil meadhan a' Ghearrain

  • Air fhoillseachadh

Tha an tuilleadh dàil air tighinn air bàtaichean-aiseig a thathas a' togail san Tuirc do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn.

Sin a rèir na buidhne CMAL, a bhios a' cumail shoithichean ri CalMac.

Tha ceithir soithichean gan thogail an-dràsta do ChalMac aig Gàrradh Cemre san Tuirc.

Bha dùil ris a' chiad tè, an MV Isle of Islay, meadhain na h-ath-mhìos.

Ach tha CMAL air litir a chur gu Comataidh na Còmhdhail, a' Chumhachd agus Cothromachadh Càrboin aig Holyrood ag innse dhaibh nach eil dùil rithe a-niste gu meadhan a' Ghearrain.

'S e seo an dàrna turas a chaidh dàil air an t-soitheach seo a bhith deiseil.

'S e duiligheadasan le bhith a' faighinn an stuth a tha a dhìth, agus cuin a tha iadsan a tha fo chùmhnant ri fhaighinn gus an obair a dhèanamh as coireach airson na dàil, a rèir na buidhne.

Tha iad air rabhadh a thoirt seachad gun toir seo buaidh ma dh'fhaoidhte air na soithichean eile cuideachd, ach thuirt iad nach biodh dàil cho mòr orra siud an taca ris a' chiad tè.

Tha dùil, nuair a bhios na soithichean a tha seo uile deiseil, gun tèid na dhà dhiubh air slighe Ìle, agus na dhà eile air an t-slighe eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh.