Beathaichean lioncs a chaidh a leigeil mu sgaoil "a' fulang le dìth a' bhìdh"
![Lioncs](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/754/cpsprodpb/6f62/live/a0ca3ad0-d1ad-11ef-bbe0-eb255759a6ac.jpg)
- Air fhoillseachadh
Bha ceithir cait lioncs a chaidh a leigeil mu sgaoil sa Mhonadh Ruadh le comharran orra gun robh iad a' fulang dìth a' bhìdh, a rèir Chomann Ainmh-eòlach Rìoghail na h-Alba (RZSS).
Bhàsaich aon dha na cait às dèidh mar a chaidh a ghlacadh faisg air Ceann a' Ghiùthsaich an t-seachdain seo chaidh agus tha eòlaichean a' feitheamh air toraidhean bho rannsachadh post mortem.
Tha na trì beathaichean eile fo chùram an RZSS, dham buin Sù Dhùn Èideann agus Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd.
Tha Poileas Alba air a ràdh gu bheil an rannsachadh acasan a' leantainn air ciamar a chaidh na beathaichean seo a leigeil mu sgaoil air a' Ghàidhealtachd.
Thuirt an RZSS gun robh dà chat air biadh a chaidh fhàgail ann an trapaichean ithe, ach nach robh iad air biadh eile a ghabhail nuair a bha iad mu sgaoil.
Thathas fhathast a' cumail sùil anns an sgìre timcheall Cheann a' Ghiùthsaich far an deach na cait a ghlacadh, ach thuirt an RZSS gu bheil iad an ìre mhath cinnteach nach eil feadhainn eile mu sgaoil.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 Am Faoilleach
- Air fhoillseachadh9 Am Faoilleach