Dachaigh ùr ga lorg do lioncs a bha mu sgaoil sa Mhonadh Ruadh

LioncsTùs an deilbh, RZSS
  • Air fhoillseachadh

Tha oidhirpean gan dèanamh dachaigh ùr a lorg do thrì lioncs boireann a chaidh a ghlacadh an dèidh dhaibh a bhith air an leigeil mu sgaoil air a' Ghàidhealtachd air a' mhìos seo chaidh.

Chaidh ceithir beathaichean lioncs - trì boireann agus aonan fireann - a leigeil mu sgaoil gu mì-laghail faisg air Ceann a' Ghiùthsaich.

Chaidh an glacadh ach bhàsaich an lioncs fireann goirid an dèidh sin.

Sheall sgrùdadh gun robh iad uile a' fulang dìth a' bhìdh.

Tha na beathaichean a-nise aig Sù Dhùn Èideann, far a bheil iad nas socaire na bha iad, 's iad air a bhith cleachdte ri mac-an-duine a bhith a coimhead às an dèidh mus deach an leigeil às.

A rèir Àrd-Stiùiriche Chomann Sù-eòlais Rìoghail na h-Alba (RZSS), Dàibhidh Field, bha sin gam fàgail gu tur mì-fhreagarrach airson coimhead às an dèidh fhèin.

"Tha pròiseactan san Roinn Eòrpa is lioncs gan leigeil ma sgaoil gu laghail", thuirt Mgr Field.

"Rud nach eil thu ag iarraidh, 's e na beathaichean seo a tha an dùil biadh fhaighinn air truinnsear a bhith air an leigeil ma sgaoil".

LioncsTùs an deilbh, RZSS

An dèidh dha na beathaichean a bhith ann an cuarantain fad 30 làithean aig Sù Dhùn Èideann, tha an RZSS a-nise a' lorg àite far an cuir iad seachad an còrr de am beatha.

Tha Poileas Alba ag ràdh gu bheil iadsan fhathast a' rannsachadh mar a fhuair na cait mu sgaoil bho thùs.

Tha luchd-iomairt air a bhith ag obair air planaichean gus lioncs ath-stèidheachadh ann an Alba is iad ag ràdh gun cuireadh seo ri bith-iomadachd, ged a tha tuathanaich am measg na th' air iomagain a nochdadh le dragh mun bhuaidh air stoc.

An t-seachdain seo fhèin, chaidh mucan feireil a bha ma sgaoil ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a ghlacadh agus a spadadh.

Chaidh na beathaichean fhaicinn Diluain faisg air na h-Uath-Lochain, mu chòig mìle air falbh bhon làraich far an deach an lioncs a chuir ma sgaoil.

A' bruidhinn aig co-labhairt NFU na h-Alba an t-seachdain seo chaidh, thuirt am Prìomh Mhinistear nach tèid lioncs a thilleadh a dh'Alba.