Prìs air aontachadh cala Àird Rosain a cheannach

MV Caledonian Isles aig Cala Àird RosainTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thuirt buidheann nan aiseagan ann an Alba, CMAL, gun do dh'aontaich iad prìs airson Cala Àird Rosain ann an Siorrachd Àir a cheannach bhon chompanaidh, Peel Ports.

Thuirt luchd-iomairt gu bheil e deatamach gun tèid an cala a leasachadh cho luath 's a ghabhas gus an tèid aig CalMac air seòladh eadar sin agus Eilean Arainn.

B' fheudar Riaghaltas na h-Alba an cala a cheannach agus an t-uallach a ghabhail airson na h-obrach leasachaidh leis gu bheil na soithichean ùra aig CalMac ro mhòr airson nan goireasan a th' ann an-dràsta.

San eadar-am tha an t-aiseag as ùire, an MV Glen Sannox, air a bhith a' seòladh dhan Truthail, seach Àird Rosain.

Chuir an luchd-iomairt sa phort agus an Eilean Arainn fàilte air an naidheachd. Bha gnothachasan ionadail gu h-àraid a' gearan gun robh call na seirbheis-aiseig air buaidh a thoirt orra, 's gun an trafaig a b' àbhaist a-niste a' tighinn tron bhaile.

Fhuair am poball fios mun aonta aig coinneimh a chùm CMAL oidhche Chiadain.

Cha deach a' phrìs a thathar a' moladh fhoillseachadh, ach dh'innis Peel Ports do buill-phàrlamaid Albannach gum biodh £170m a bharrachd a dhìth airson an cala a dhèanamh mòr gu lèor airson nam bàtaichean nas motha.

Chaidh beachd iarraidh air Riaghaltas na h-Alba mun chùis.