"Bu chòir dàil a chur air Bile nan Cànanan Albannach"
- Air fhoillseachadh
Chaidh innse do Chomataidh an Fhoghlaim ann am Pàrlamaid na h-Alba gum bu chòir dàil a chur air Bile nan Cànanan Albannach.
Thuirt an t-Oll Conchúr Ó Giollagáin bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean nach eil an reachdas a' dèiligeadh ri duilgheadasan sònraichte ann an coimhearsnachdan dùthchasach na Gàidhlig, is gu dearbh gu bheil cunnart ann gum faodadh e cron a dhèanamh.
Bha an t-Oll Ó Giollagáin am measg na bha a' toirt seachad fianais aig a' chiad sgrùdadh den bhile aig Holyrood Diciadain.
Bha sgaradh beachd ann aig amannan aig a' chomataidh is an t-Oll Wilson MacLeòid bho Oilthigh Dhùn Èideann, a bha cuideachd a' toirt seachad fianais, ag ràdh gun robh cuid de bheachdan an Oll Ó Giollagáin "mì-chuideachail".
Na fhianais fhèin, thuirt an t-Oll Ó Giollagáin gu bheil e follaiseach nach eil an reachdas a th' ann mar-thà a' dèiligeadh ris na trioblaidean bunaiteach a th' ann aig ìre na coimhearsnachd.
Dh'innis e nach tig atharrachadh sam bith air an sin leis a' bhile ùr.
"Eil reachdas a' cuideachadh na coimhearsnachd? Mura h-eil, 's e reachdas gun fheum a th' ann", thuirt e.
"Ma thèid sinn air adhart leis a' bhile seo, bidh frèam-obrach againn a bhios math gu leòr airson na Gàidhlig mar chànan sgoile agus mar rud samhlachail do dh'fhèin-aithne na h-Alba.
"Chan eil e faisg math gu leòr 'son coimhearsnachd dhùthchasach a th' ann an staing a chuideachadh", thuirt e.
A' freagairt ceist bho Liam Kerr BPA, thuirt an t-Oll Ó Giollagáin nach biodh e 'son maill a chur air adhartas a thaobh Albais is gum biodh e na b'fheàrr sgaradh a dhèanamh eadar an dà chànan san reachdas.
Thuirt e gum biodh sin a' ciallachadh bile Albais agus ath-leasachadh a dhèanamh air Achd na Gàidhlig 2005.
"Bhiodh sin fada na b'fheàrr na leantainn leis an reachdas seo nach eil idir aig ìre", thuirt e.
Thill an t-Oll Ó Giollagáin a-rithist gu puing a nochd grunn thursan bho chaidh The Gaelic Crisis in the Vernacular Community fhoillseachadh: gum feum na h-ùghdarrasan aideachadh sa chiad dol a-mach gu bheil fìor staing ann.
Thuirt e gur e cnag na cùise gu bheil dà bhuidheann ann an saoghal na Gàidhlig: "na tha air fhàgail de na coimhearsnachdan dùthchasach is an uairsin na lìonraidhean eile de luchd-ionnsachaidh is luchd-labhairt ann am pàirtean eile de dh'Alba".
"Bhithinn airson coimhead air na buidhnean fa leth sin is soilleireachadh a bhith againn air dè dìreach na goireasan a th' againn airson dèiligheadh ris an t-suidheachadh a th' ann.
"Ach thog sinn air staing aig ìre na coimhearsnachd is tha mi a' smaointinn gu bheil uallach air an Riaghaltas aideachadh gu bheil staing ann an sin is prìomhachas a chur air dèiligeadh ri sin".
Thuirt e ri buill nan tachradh sin, gum biodh cothrom ann am bile "a shàbhaladh".
Dh'innis an t-Oll Wilson MacLeòid an uairsin nach robh e ag aontachadh ri mòran de na thuirt an t-Oll Ó Giollagáin is gun robh e "mì-chuideachail".
Thuirt e fhèin gu bheil cothroman ann fàs a thoirt air suidheachadh na Gàidhlig ann an diofar phàirtean de dh'Alba is nach bu chòir cùl a chur ris a' chothrom sin idir.
Na fhianais fhèin nas tràithe, thuirt an t-Oll MacLeòid gur e bile "faiceallach" a tha seo ach gu bheil cothroman na lùib ma thèid a neartachadh air a shlighe tron phàrlamaid.
Thog e dragh nach eil mìneachadh mionaideach gu leòr ann.
'S e laigse mòr a th' ann, thuirt e, nach eil còir laghail air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' nochdadh ann.
"Seo rud a bha na phrìomhachas do choimhearsnachd na Gàidhlig ann an 2005 is cha robh e san achd is chan eil e sa bhile seo nas motha.
"Mar a dh'obraicheadh e - dh'fheumadh coimhead ri sin - ach chan eil e ann", thuirt e.
Thuirt an t-Oll MacLeòid gu bheil ceistean mòra ann cuideachd a thaobh mar a rachadh cumhachdan a' bhile a chur an sàs.
Ma thèid e air adhart mar a tha e, thuirt e, cha bhiodh coimiseanair cànain ann an Alba, eu-coltach ris a' Chuimrigh, Poblachd na h-Èireann, is Èirinn a Tuath a dh'aithghearr.
Tha Bile nan Cànanan Albannach a' moladh 'sgìrean cànain sònraichte' a stèidheachadh.
Thuirt an t-Oll MacLeòid gu bheil am bile ag aithneachadh cho farsaing 's a tha coimhearsnachdan Gàidhlig is gu bheil feum an cànan a leasachadh ann am bailtean cuideachd.
Dh'innis e gu bheil cothrom an lùib nan sgìrean seo ach nach eil mìneachadh ann air dè dìreach a bhios nan cois is dè an diofar a nì iad.
Thuirt e nach eil e soilleir nas motha carson a bhiodh guth cho làidir aig ùghdarrasan ionadail a thaobh sgìrean cànain ainmeachadh.
"Bhiodh mòran ann an coimhearsnachd na Gàidhlig den bheachd nach eil ùghdarrasan ionadail taiceil ris a' Ghàidhlig, nach eil iad adhartach a thaobh leasachadh na Gàidhlig, is nach biodh e ciallach cus cumhachd a chur nan làmhan air an seo.
"S dòcha gun canadh cuid de chomhairlean nach eil sin cothromach, ach chanainn gu bheil am beachd seo bitheanta ann an coimhearsnachd na Gàidhlig", thuirt e.
A thuilleadh air Comhairle Ghlaschu, thuirt e gun robh comhairlean eile air a bhith "slaodach" a thaobh leasachadh a thoirt air foghlam Gàidhlig is sgoiltean Gàidhlig gu seachd àraid.
Chaidh fianais a thoirt seachad cuideachd bho eòlaichean Albais.
Bha iadsan den bheachd gun robh feum air barrachd a dhèanamh airson a' chànain aca ach gur e fìor cheum air adhart a bhiodh ann dhaibh reachdas fhaighinn tron phàrlamaid.
Thuirt an t-Oll Raibeart MacColla Millar gun robh e cudromach gum biodh bile ann 'son chànanan na h-Alba - a' toirt a-steach Gàidhlig agus Albais - is cothrom ann cànanan eile a chur ris.
Tha e glè chudromach, thuirt e, nach tèid Gàidhlig is Albais a chur an aghaidh a chèile.
Thog an Dr Mìchael Dempster air sin cuideachd.
Thuirt esan gum feum taic-airgid a bhith ann 'son Albais mar phàirt den bhile ach gu bheil e mothachail air a' chunnart gun cailleadh a' Ghàidhlig airgead ri linn sin.
Dh'fheumadh buidseatan fa leth a bhith ann, thuirt e, gus nach tachradh sin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An Cèitean