SSEN a' cur taic ri sgeama taigheadais ùir air iomall Steòrnabhaigh

An Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis (air an làimh dheis) air làrach far a bheilear a' moladh sgeama taigheadais ùr sam bi 94 dachaigh
Fo-thiotal an deilbh,

An Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis (deas) air an làraich Diciadain agus obair ullachaidh air tòiseachadh

  • Air fhoillseachadh

Dh'innis SSEN gun tug iad na grunn mhilleanan notaichean airson faisg air 100 taigh a thogail mar phàirt den phròiseact 'son bun-structar an dealain a leasachadh sna h-Eileanan an Iar.

Togaidh a' chompanaidh stèisean HVDC agus fo-stèisean AC air mòintich Àranais air iomall Steòrnabhaigh, le càball-dealain ùr fon mhuir eadar Leòdhas agus tìr-mòr.

Tha aonta aca leis a' chompanaidh-togail CalMax a tha a' moladh sgeama sam bi 94 dachaigh air fearann ri taobh Port-adhair Steòrnabhaigh.

Bidh na taighean a' chiad ghreis nan dachaighean don luchd-obrach a bhios a dhìth airson Hub Leòdhais SSEN, ma 's e agus gum faighear cead a dhol air adhart leis.

Nuair a bhios an leasachadh sin deiseil, bidh a' mhòr-chuid de na taighean rim faighinn air prìs reusanta do mhuinntir an àite tro cho-bhanntachd eadar CalMax agus a' bhuidheann-taigheadais, Tighean Innse Gall (TIG).

Chaidh an naidheachd fhoillseachadh madainn Dicadain is an Leas Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis a' tadhal air Leòdhas.

Thuirt a' Bh-Ph Fhoirbeis gur e eisimpleir fìor mhath a th' ann air na buannachdan a thig à fàs ann an gnìomhachas na cumhachd ath-nuadhachail, is mar a gheibh a' choimhearsnachd buannachd às "fad ghinealachan".

Dealbh bhon adhair a' sealltainn na làraich, ann am buidhe, far am bi na taighean ùra san amharc aig CalMaxTùs an deilbh, CALMAX
Fo-thiotal an deilbh,

An làrach bhuidhe far a bheilear airson 94 taighean a thogail ri taobh an raon-laighe

Tha SSEN ag ràdh gu bheil iad am beachd maoineachadh mòr a bharrachd luach na deichean mhilleanan notaichean a thoirt don phròiseact aon uair agus gun tòisich an obair togail.

A' bruidhinn aig an làraich, thuirt Stiùiriche Phròiseactan Far-Chladach aig SSEN, Sandy Mac an t-Sagairt, gu bheil iad "fhathast a' coimhead air àitichean-fuirich eile don luchd-obrach a dh'fhàgas dìleab bhuannachdail do Leòdhas".

Thuirt Stiùiriche ChalMax, Dòmhnall MacAoidh: "Tha sinn an dòchas 30 obraichean ùra a chruthachadh an cois a' phròiseict seo, preantasan nam measg, agus le suas ri 100 luchd-obrach gu bhith an sàs ann, cuiridh e gu mòr ris an eaconomaidh ionadail cho math ri dachaighean nach eil ro dhaor a thoirt seachad."

Plana den sgeama taigheadais a tha CalMax a' moladh ri taobh Port-Adhair SteòrnabhaighTùs an deilbh, CALMAX
Fo-thiotal an deilbh,

Plana den sgeama taigheadais a tha CalMax a' moladh ri taobh Port-Adhair Steòrnabhaigh

Tha Iain MacCullaich, Cathraiche TIG, ag ràdh "gum bi leasachadh Leòdhais na chiad cheum sa phlana 10 bliadhna aca taigheadas beag-chosgais a leasachadh air feadh nan Eilean Siar".

Tha SSEN ag amas air 1,000 dachaigh ùr a thoirt seachad air feadh cheann a tuath na h-Alba mar phàirt den obair-leasachaidh air lìonra an dealain gus coinneachadh ri targaidean cumhachd ath-nuadhachail agus tèarainteachd cumhachd na dùthcha.

Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh mu Hub Leòdhais agus Ceangal HVDC nan Eilean Siar aig SSEN an seo., taobh a-muigh

Tuilleadh air an sgeulachd seo