Ulaidhean falaichte a' nochdadh às ùr an Ceap Breatainn
- Air fhoillseachadh
Chan eil mòran cho breagha ri dathan coille Alba Nuaidh às t-Fhoghar.
Diofar sheòrsaichean de dh'uaine, dearg, buidhe is orainds a' dealradh còmhla is na craobhan mar phlaide thartain a' còmhdach uachdar na tìre.
'S cinnteach nach ann air am fall a bha am Bàrd MacIlleathain a-mach nuair a chuir e peann ri pàipear san dàn ainmeil aige mun 'Choille Ghruamaich'.
Ach cha b' e duilleagan dathach, àlainn, beòthail a bha mi fhìn is fear de mhuinntir an àite, mo bhràthair-chèile Coinneach MacCoinnich, a' sireadh nuair a chaidh sinn a' sporghail sa choille is mi air thuras ann an Ceap Breatainn air a' mhìos seo chaidh.
Cha b' e ach clach dhubh dhorch: an gual a thug ainm ùr dhan àite seo san 19mh linn. 'Son treis aig an àm sin is tràth san 20mh Linn, bha luchd-obrach nan dròbhan trang ann am Mèinnichean Mhàbu, is Gàidhlig prìomh chànan sgìre a bha air Abraich gu sònraichte a thàladh.
Cha do mhair na mèinnichean is an-diugh 's e ainm an àite a-mhàin a tha ag innse gun robh iad idir ann. Bha tàire agam fhin is Coinneach slighe a dhèanamh tron choille thiugh. Seadh, 's dòcha gun robh i car gruamach ceart gu leòr, eireachdail 's ged a tha i.
Ach b' fhiach ar spàirn nuair a nochd fianais air saoghal eile. Seann loidhnichean rèile a' stobadh a-mach às an talamh domhain sa choille. Seòrsa de chairt fhiodh air choireigin, freumhan chraobhan a-nise a' snaigeadh timcheall air. Càr meirgeach, aonaranach, is a' choille air an rathad a thug ann e sa chiad dol a-mach a shlugadh bho chionn fhada.
Ann an dòigh 's e samhla bh' ann air cor na Gàidhlig fhèin san sgìre. Aig cridhe an àite uaireigin, prìseil is luachmhor, ach air crìonadh chun an iomaill. A' mhòr-chuid aig an robh a' chànan bho thùs air tilleadh dhan talamh mar a tha uidheamachd nam mèinnichean.
Fiù 's mus do thòisich deasbad mòr na gnàth-shìde, cha robh coltas idir ann gun tòisicheadh duine air gual a thoirt às an talamh ann am Màbu às ùr, is mar a dh'fhalbh a' Ghàidhlig à bilean an t-sluaigh ann an Alba Nuadh san 20mh Linn, bha suidheachadh na cànain a cheart cho dorch ris a' chloich thiodhlaigte, chaillte fo na craobhan.
Ann an agallamh Ghàidhlig ann an 2000, dh'innis tè a rugadh is thogadh san àite, Katie Margaret NicIllÌosa nach maireann, mu a beatha a' fàs suas ann am Mèinnichean Mhàbu tràth san 20mh Linn.
"Tha sinn a' bruidhinn an seo air seann, seann times. Bha poidhle de thrèanaichean ann, bha trèana a' tighinn a-staigh gu Mabou Mines.
"Bha sgoil aig an Acarsaid agus sgoil aig na Coal Mines.
"'S e Gàidhlig a bh' innte, chòrd e rium. Chan fhaigheadh tu sin an-diugh".
Nach orra ann am Màbu a thàinig an dà là, ge-tà. San t-Sultain, dh'fhosgail sgoil Ghàidhlig sa bhaile, rud a bha gu tur a' dol an aghaidh a' chrìonaidh a chunnacas san 20mh Linn. Cha bhiodh Katie Margaret chòir ga chreidsinn.
Ach air thuras gu Taigh Sgoile na Drochaide, chunnaic is chuala mi fianais air ath-bheothachadh na cànain am measg ghinealaich ùir ann an Ceap Breatainn.
Ged nach robh Gàidhlig aig ach dithis den naoinear sgoilearan nuair a dh'fhosgail i, tha cànan an sinnsearan mar-thà a' tilleadh chun na cloinne.
"Tha sinne ag ionnsachadh gach là is tha a' chlann a' tòiseachadh air Gàidhlig a bhruidhinn", dh'innis am prìomh thidsear, Eamag Dhòmhnullach.
"Sa chiad mhìos rinn sinn obair air an stòiridh bhig An Gille Bonnaich. Bha sinn a-muigh là agus bha tè bheag a' ruith is thuirt mi "ruith ruith", is bha tè bheag eile an seo is thuirt i "cho luath 's a ghabhas", dìreach gu nàdarra.
"Tha na h-abairtean a' dol a-staigh is nuair nach eil thu an dùil tha iad a' tighinn a-mach", thuirt i.
Cho bòidheach 's a tha an t-ionnsachadh òg.
'S ann air campas ùr Colaisde na Gàidhlig ann am Màbu a tha an sgoil stèidhichte, ged a tha i fa leth bhon cholaisde. Gu dearbh, tha i gu tur neo-eisimeileach is air a stèidheachadh air feallsanachd ionnsachaidh Montessori.
Bha an fheadhainn air cùl na pròiseict den bheachd gur e seo am modail a b' fheàrr a bh' ann gus sgoil Ghàidhlig a thoirt gu buil ann an Ceap Breatainn.
Tha sin a' toirt dhaibh na h-uimhir de shaoirse a thaobh an curraicealam a thoirt seachad, ach cuideachd a' fàgail uallaichean ann an dòighean eile.
Leis a' chothrom na gnothaichean aca fhèin a dhèanamh, tha cuideachd an cunnart le sgoil neo-eisimeilich gun tioramaich tobar an airgid.
"'S e sgoil phrìobhaideach a th' ann agus tha sinn a' feuchainn ris na cosgaisean a chumail ìosal airson nan teaghlaichean", dh'innis Coinneach, a tha e fhèin air bòrd-stiùiridh na sgoile is dithis phàistean aige innte.
"Tha sinn air a bhith a' togail airgid bhon choimhearsnachd agus feadhainn eile a tha taiceil ann an sgìrean eile de Chanada is dùthchannan eile. Tha iad a' creidsinn sa phròiseict agus sa Ghàidhlig agus sa chultar ann an Ceap Breatainn. Tha iad toilichte gu bheil seo a' tachairt agus tha iad a' faicinn an diofar a nì e dhan sgìre.
"Chan eil e furasta uair sam bith is ann an àm Chovid chan eil e furasta idir. 'S e obair a bhios ann ach tha fios gu bheil barrachd dhaoine mar sin mun cuairt agus tha sinn dìreach ag iarraidh an ceangal sin a dhèanamh. Ma tha ùidh aig daoine agus comas aca taic a chur ri rudeigin mar seo, bhitheamaid toilichte bruidhinn riutha uair sam bith", thuirt e.
Tha am modail prìobhaideach cuideachd a' ciallachadh gun tàinig Taigh Sgoile na Drochaide gu bith às aonais taic-airgid bho Riaghaltas Alba Nuaidh is Oifis Iomairtean na Gàidhlig, ged a tha taic a' tighinn ann an dòighean eile is dòchas air tuilleadh.
"Tha sinn a' bruidhinn riutha fad na h-ùine is tha taic ann, tha iad toilichte gu bheil an leithid a' tachairt agus na sgoiltean mun cuairt oirnn, tha iad air taic a thoirt dhuinn, tidsearan a tha faisg oirnn cuideachd", thuirt Coinneach.
"Cò aig a tha fios gu dè tha shìos an rathad, ach tha sinn gu math toilichte gu bheil sinn san t-suidheachadh far a bheil sinn mar sgoil phrìobhaideach. Tha e car sùbailte is faodaidh sinn rud sam bith a dhèanamh leis a' chànain is an cultar is a' toirt a-staigh chultaran eile", thuirt e.
Tha an sgoil mar-thà air ceangal a dhèanamh le feadhainn ann an Alba fhèin is buidhnean mar Bhòrd na Gàidhlig, Stòrlann, Fèisean nan Gàidheal, is Comann nam Pàrant air cuideachadh a thoirt seachad eadar comhairle, stiùireadh is goireasan.
Thòisich cuideachd conaltradh eadar tidsearan ann an Alba is luchd-obrach na sgoile ùire. Thathas an dòchas gun tèid na ceanglaichean sin a dhaingneachadh anns na bliadhnaichean ri thighinn.
Le naoinear sgoilearan air tòiseachadh am-bliadhna, tha an sgoil an dòchas timcheall air sianar ùra a bhith aca an ath-bhliadhna.
'S e am plana gum fàs Taigh Sgoile na Drochaide mar sin beag air bheag anns na bliadhnaichean ri thighinn gus am bi timcheall air 50 sgoilear ann, is cothrom ann leudachadh gu rùmaichean ann an togalach ùr Colaisde na Gàidhlig rin taobh.
Tràth 's gu bheil e, tha muinntir na sgoile glè thoilichte le mar a tha a' dol dhaibh agus misneachail mun àm ri teachd.
'S e tuil uisge a' dortadh a-steach a thug buille bàis dha na mèinnichean ann am Màbu mu dheireadh, dìreach mar a theab sruth uile-chumhachdach na Beurla a' Ghàidhlig a sguabadh às an àite.
Tha rathad fìor fhada is doirbh air thoiseach air a' chànain ann an Ceap Breatainn fhathast, is gu dearbh air Taigh Sgoile na Drochaide fhèin. Am mair i, am fàs i, an obraicheadh am modail seo ann an àiteachan eile ann an Alba Nuadh?
Ach tha fosgladh na sgoile - a tha a' dol calg-dhìreach an aghaidh an t-srutha is còrr math is ceud bliadhna de chrìonadh - air dòchas agus togail às ùr a thoirt dhan choimhearsnachd.
"Tha deagh chuimhne agam air Katie Margaret shìos an rathad agus tha sinn a' smaointinn air na seann daoine agus cho toilichte 's a bhiodh iad, agus an strì a rinn tòrr dhaoine", dh'innis Coinneach.
"Tha sinn air seo a dhèanamh ach fad bhliadhnaichean tha daoine eile air a bhith ag obair agus a' sabaid airson na Gàidhlig.
"Cha bhiodh sinn san t-suidheachadh seo gun an obair a rinn feadhainn eile fad bhliadhnaichean is fad ghinealaichean is tha sinn uabhasach moiteil asta", thuirt e.
Am measg nan daoine a bha sin, bha màthair Choinnich, Maureen NicCoinnich nach maireann.
A' bruidhinn ri pàipear-naidheachd ann an 1990, dh'innis i fhìn mar a bha i a' faicinn suidheachadh na cànain ann an Alba Nuadh.
"Chan urrainn dhan Ghàidhlig feitheamh gus an dèan bùird sgoile poileasaidhean, no gus an tog comhairlean aire mun ghnothach.
"Dh'fhaodadh sinn a bhith a' feitheamh gu sìorraidh agus a bhith ga leigeil seachad.
"Feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh an-dràsta", thuirt i.
30 bliadhna bhon uairsin, tha an fheallsanachd sin ri faicinn ann an Taigh Sgoile na Drochaide.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 An t-Samhain 2021
- Air fhoillseachadh9 An t-Samhain 2021
- Air fhoillseachadh16 An t-Samhain 2021
- Air fhoillseachadh16 An t-Samhain 2021
- Air fhoillseachadh7 An t-Sultain 2021
- Air fhoillseachadh5 An Cèitean 2021