Calum Rothach a' leigeil dheth a dhreuchd mar chomhairliche

An Comh. Calum Rothach
Fo-thiotal an deilbh,

An Comh. Calum Rothach aig Comhairle na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh

Tha An Comh. Calum Rothach air leigeil fhaicinn gum bi e a' fàgail a dhreuchd mar chomhairliche a tha a' riochdachadh Uard Eilean a' Cheò.

Ann an teachdaireachd anns na meadhanan sòisealta, thuirt An Comh. Rothach gum bi e a' comharrachadh còig bliadhna mar chomhairliche aig Comhairle na Gàidhealtachd air an 13mh den Mhàirt.

Ach thuirt e gum bi e a' leigeil dheth a dhreuchd aig deireadh na mìos sin.

Thuirt e gur e urram mòr a bh' ann Uard Eilean a' Cheò a riochdachadh.

"Rud a rinn mi le m'uile-dhìcheall agus leis a h-uile urram do na daoine a tha mi air a bhith a' frithealadh.

"Cha bhi aithreachas orm a-chaoidh gun do sheas mi anns an fho-thaghadh sa Mhàirt 2020 no gun do sheas mi a-rithist sa Chèitean 2022.

"Ach anns na beagan mhìosan a dh'fhalbh tha mi air neart agus spionnadh a chall beagan, chan eil gràs ann dhan seo tuilleadh agus tha mi airson gluasad air adhart gu caibideil ùir ann am beath an teaghlaich againn", thuirt e.

Cha ghabh am post Facebook seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Facebook
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth Facebook.
Leum thairis air facebook teachdaireachd le Calum

Cead do stuth Facebook?

Tha stuth bho Facebook an lùib an artagail seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig Meta ‘son Facebook mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth Facebook.
Deireadh facebook teachdaireachd le Calum

Ghlèidh Mgr Rothach Uard Eilean a' Cheò mar chomhairliche neo-eisimeileach ann an 2020 an toiseach, às dèidh don Chomh. Raghnall MacDhòmhnaill a dhreuchd a leigeil dheth.

Sheas e a-rithist a-rithist ann an taghaidhean nan ùghdarrasan ionadail ann an 2022, far an d'fhuair e a-steach san chòigeamh cuairt., taobh a-muigh

Thogadh Mgr Rothach air a' Ghàidhealtachd agus às dèidh a dhol gu Oilthigh Obar Dheathain agus Sàbhal Mòr Ostaig, chaidh e an sàs ann am foghlam Gàidhlig.

Ghluais e gu Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach far an do stèidhich e gnothachas agus bha e cuideachd na bhall de Chomhairle Coimhearsnachd Chille Mhoire.

Tha e air a bhith taiceil dhan Ghàidhlig, agus e na fhear-chathrach air Comataidh na Gàidhlig aig a' chomhairle, agus ùidh aige cuideachd ann an iomain agus ceòl traidiseanta.

Bha Mgr Rothach cuideachd gu mòr an sàs san iomairt gus seirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach a leasachadh is e ùine na chathraiche air buidheann-stiùiridh Sir Lewis Ritchie.