Dùil ri brath mu na faoileagan

- Air fhoillseachadh
Tha dùil ri brath bho Riaghaltas na h-Alba an-diugh an dèidh coinneimh mu bhuaidh nam faoileagan ann am bailtean na dùthcha air a' mhìos a chaidh.
Tha an àireamh de dh'fhaoileagan ann am bailtean na h-Alba air a bhith ag èirigh anns na bliadhnaichean mu dheireadh is iad aig an aon àm a' crìonadh ann an sgìrean an cois a' chladaich.
Chaidh àrd-choinneamh a chumail air cùl dhòrsan dùinte ann an Inbhir Nis air an 23mh là den t-Sultain feuch dè ghabhas dèanamh mun bhuaidh a tha na h-eòin a' toirt air beatha dhaoine ann am bailtean na h-Alba.
Thachair sin agus NàdarAlba air dearbhadh gun robh iad a' toirt seachad £100,000 airson comhairlean ionadail a bhith a' dèiligeadh ri trioblaidean leis na h-eòin.
Tha faoileagan air an dìon fon lagh, ach gabhaidh rudan dèanamh ma tha iad air a dhol nam plàigh.
Dh'adhbharaich mar a bha na meadhanan air an cumail air falbh bhon choinneimh deasbad sradagach aig Holyrood, agus an Tòraidheach, Dùghlas Ros, ag ràdh gun robh sin "garbh neònach".
Às dèidh sin bha aimhreit ann eadar Mgr Ros is Jamie Hepburn bhon SNP a dh'fhàg air a' cheann thall gun do leig Mgr Hepburn dheth a dhreuchd mar Mhinistear airson Gnothaichean na Pàrlamaid.