Loch Abar air Prìomh Lìog nam ban a bhuannachadh

- Air fhoillseachadh
Tha Loch Abar air a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh ann an iomain nam ban às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh 2-0 air Bàideanach.
Bha feum air geama play-off eadar na sgiobaidhean is iad air crìochnachadh còmhla co-ionnan air 20 puing aig mullach na lìge.
Chuir Missy Howie an dà thadhal do Loch Abar sa gheama mhòr sa Mhanachainn Didòmhnaich.
'S e dìoghaltas a bha seo dha na h-Abraich is Bàideanach air a' chùis a dhèanamh orra sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil air a' mhìos seo chaidh.