Ceum air adhart dha FtMG sna Crìochan

Bidh buidheann a' coinneachadh sna Puballan gach seachdain 'son cluich is seinn sa Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Crìochan a' coimhead an gabh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoile stèidheachadh san sgìre.
Bha a' chiad cheum den iarrtas aig pàrantan 'son foghlaim Ghàidhlig soirbheachail.
Gheibh iad fios a dh'aithghearr an gabh ionad Gàidhlig a chur air dòigh ann an Srath Thuaidh.
Chan eil aig an ìre seo goireasan sam bith airson FtMG anns na Crìochan, leis an ionad as fhaisge ann an Dùn Èideann.
Tha buidheann de phàrantan agus leanabhain air a bhith a' coinneachadh gach seachdain airson dà bhliadhna a-nis sna Puballan airson cluich agus seinn sa Ghàidhlig.

Bha seòmar na bu mhotha a dhìth gu math tràth ann an eachdraidh na buidhne
"Tha mi a' feuchainn ri a cleachdadh le mo mhac, Ìomhair, ach a-nis tha sinn a' feumachdainn barrachd Gàidhlig," thuirt Mòrag Brown, a dh'ionnsaich a' Ghàidhlig 's i na h-oileanach.
"Chan eil e gu leòr nach eil ach mi fhèin ga cleachdadh leis, agus tha pàrantan eile ann aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig cuideachd."
Tha liosta le 33 pàistean a dh'iarradh a dhol ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig anns na Crìochan, le naoinear aca a' tòiseachadh air P1 nan deadh a stèidheachadh ann an àm airson toiseach na h-ath-bhliadhna sgoile.

'S iad Comann nam Pàrant a bhios a ruith na buidhne sna Puballan
Chuir e iongnadh air Comann nam Pàrant, a bhios a' stiùireadh na buidhne a bhios a' cruinneachadh sna Puballan, na bh' ann de dh'ùidh 's de dh'iarrtas san sgìre.
"Tha pàrantan a' tighinn thugainn a dh'fhaighneachd an urrainn dhuinn cuideachadh buidheann mar seo a thòiseachadh," thuirt Kirsteen Mhoireach, aig Comann nam Pàrant.
"Bha iadsan ag iarraidh a' chlann aca a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig. Buidheann bheag, gu math mì-fhoirmeil.
"Bha e cho mòr nuair a thòisich sinn. Bha sinn ann an rùm beag agus bha feum againn gluasad gu àite ùr airson bha tòrr phàrantan a' tighinn ann."
Ann an litir gu pàrantan thuirt Comhairle nan Crìochan gu bheil iad mothachail air an iarrtas a th' ann air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san sgìre agus gun dèan iad measadh air an iarrtas sin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An t-Ògmhios