£20m a dhìth air seirbheisean poblach nan Eilean Siar

CNES HQ and Western Isles Health Board
  • Air fhoillseachadh

Tha £20m gu bhith a dhìth air seirbheisean poblach nan Eilean Siar sa bhliadhna ionmhais ri thighinn.

Eadar Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd Cùraim is Slàinte nan Eilean Siar agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, tha buidseatan gu bhith gann air an ìre a tha a dhìth, a' fàgail cheistean mu mar a ghabhas seirbheisean a chumail ri muintir na sgìre.

Tha a' Chomhairle gu bhith le beàrn-ionmhais eadar £5m is £7m ann an 2025-26, a' bhuidheann Cùraim is Slàinte £6m goirid air a' bhuidseat aca, agus am Bòrd Slàinte le toll den aon mheud ri lìonadh.

Tha na beàrnan sin ga fhàgail doirbh do na buidheanan na seirbheisean aca a lìbhrigeadh do mhuinntir nan Eilean Siar gun gearraidhean a bharrachd a chur an sàs, is cuid den bheachd nach gabh gearraidhean sam bith eile a dhèanamh bhon ìre aig a bheil iad an-dràsta.

Comhairle nan Eilean Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar, mar gach ùghdarras ionadail air feadh na dùthcha, air a bhith gann de dh'airgead thar nam bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Mhìnich Àrd-Oifigear na Comhairle, Malcolm Burr, an suidheachadh do Chomataidh Ionmhais is Rianachd Phoblaich de Phàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo chaidh mar a tha maoineachadh na thrioblaid dhaibh agus gu bheil mu 400 dreuchd air falbh air sgàth sin sa 10 bliadhna mu dheireadh.

Bòrd Cùraim is Slàinte nan Eilean Siar

Tha trì buidhnean an sàs ann am Bòrd Cùraim is Slàinte nan Eilean Siar, a' Chomhairle, NHS nan Eilean Siar agus Treas Roinn Innse Gall.

Tha iad ag obair ann an co-bhanntachd le uallach orra airson planadh agus maoineachadh a chur air dòigh do sheirbheisean slàinte is cùraim anns na h-Eileanan an Iar.

Tha Cùram is Slàinte nan Eilean Siar iad fhèin le duilgheadas ionmhais agus coltas gum bi mu £6m a dhìth orra a bharrachd air a' mhaoineachadh a tha gu bhith aca ann an 2025-26.

NHS nan Eilean Siar

Fiù 's ro staing Chovid bha NHS nan Eilean Siar gann de dh'airgead.

Eadar 2019 agus 2024, tha a' bheàrn ionmhais aca air fàs, le dùil gum bi i mu £6m sa bhliadhna-ionmhais ri thighinn.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Malcolm Burr, Àrd-Oifigear Comhairle nan Eilean Siar

Buaidh air seirbheisean

Bha Malcolm Burr air beulaibh Comataidh Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo chaidh gus innse dhaibh mun t-suidheachadh a th' aig Comhairle nan Eilean Siar.

Chuir Mgr Burr an cèill dhaibh mar a tha, a rèir figearan na Pàrlamaid, CnES air call 14% den mhaoineachadh aca anns na 12 bliadhna mu dheireadh.

Thuirt e: "A’ phuing a rinn mi gu làidir don chomataidh, ‘s e nach urrainn dhuinn cumail oirnn a bhith a’ dèiligeadh ri sin le bhith a’ cleachdadh a’ chùil-stòir ionmhasail, no gun a bhith a’ lìonadh bheàrnan-obrach agus a’ lùghdachadh àireamhan luchd-obrach na Comhairle, agus ann an 10 bliadhna tha sinn air leithid 262 neach làn-thìde a chall – dreuchdan mu 400 duine uile gu lèir.

"Cha ghabh ar stòras cleachdadh ach aon turas agus chan urrainn dhuinn cumail oirnn a’ dèanamh sin. Aig deireadh an là, ma tha thu airson seirbheisean a thabhainn, feumaidh tu daoine gus sin a dhèanamh.

"'S e glè bheag de roghainnean a th’ aig a’ Chomhairle. A bhith a’ cur phrìsean suas, a’ cur na cìs-comhairle suas, gearraidhean no a bhith a’ cleachdadh an stòrais no nas urrainn dhuinn faighinn bhon phoit de dh'airgead nàiseanta.

"An teachdaireachd a thug mi do Phàrlamaid na h-Alba, ‘s e nach urrainn dhuinn sin a dhèanamh gu sìorraidh agus tha an teachdaireachd sin a’ tighinn bho gach Comhairle agus nas fharsainge na sin, ‘s e dìreach gu bheil e da-rìribh follaiseach an seo air sgàth na chaill sinn roimhe," mhìnich Mgr Burr.

Fo-thiotal a’ bhidio,

An Comh. Donnachadh MacAonghais, Leas-cheannard Comhairle nan Eilean Siar

Tha Comhairlichean an ùghdarrais a cheart cho teagmhach mun t-suidheachadh agus a tha luchd-obrach na Comhairle.

Thuirt An Comh. Donnachadh MacAonghais, Leas-cheannard Comhairle nan Eilean Siar, gun robh suidheachadh maoineachaidh na Comhairle gu bhith a' fàgail gum biodh dreuchdan dhaoine ann an cunnart.

"Tha sinn air a bhith a’ gearradh air ais thairis air na bliadhnaichean," thuirt Mgr MacAonghais. "Chan eil mi a’ faicinn gun urrainn an còrr de ghearraidhean a dhèanamh gun tòiseachadh coimhead air luchd-obrach a chall ma tha sinn a’ dol a chumail a’ dol leis an rud a tha sinn a’ dèanamh."

Bidh 50 bliadhna ann an ath-bhliadhna on a chaidh Comhairle nan Eilean Siar a stèidheachadh, ach tha ceistean a' leantainn mu dè cho comasach 's a tha e gu bhith dhaibh seirbheisean a chumail aig ìre san àm ri teachd.

Tha sinn air beachd iarraidh bho Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar air na figearan seo ach cha d' fhuair sinn freagairt fhathast.