Dh'iarr Ceit Fhoirbeis sgrùdadh mu chùram ospadail an dèidh bàs aig fèis Skye Live

Chaidh an fhèis Skye Live a chumail ann am Port Rìgh air an deireadh-sheachdain
- Air fhoillseachadh
Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, air iarraidh gun tèid sgrùdadh a dhèanamh mu sheirbheisean meidigeach èiginneach san Eilean Sgitheanach an dèidh mar a bhàsaich boireannach aig fèis-chiùil.
Chaidh carbad-eiridinn a chur gu làrach Skye Live ann am Port Rìgh Disathairne an dèidh mar a dh'fhàs am boireannach tinn.
Thuirt Ms Fhoirbeis gur e adhbhar dragh mòr dhi na h-aithrisean nach robh uidheamachd mheidigeach ri fhaighinn bho Ospadal Phort Rìgh.
Sgrìobh Ms Fhoirbeis, a tha na Ball-pàrlamaid Albannaich don Eilean Sgitheanach, Bàideanach agus Loch Abar, gu ceannard NHS na Gàidhealtachd ag iarraidh gun tèid a' chùis a rannsachadh.
Ann am brath Diluain, thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach Seirbheis Ambaileans na h-Alba gu seo is tachartas meidigeach eile aig an fhèis le taic bho Àrd-Nurs (ANP) nach robh ag obair is a bha an làthair, agus dotair bho Roinn A&E Ospadal an Àth Leathainn.
Dh'innis iad ge-tà, gu bheil cùram èiginneach ri fhaighinn 24/7 le a bhith a' fònadh gu 999 ma tha beatha ann an cunnart.
Strì airson seirbheisean slàinte a leasachadh
Tha luchd-iomairt air a bhith a' strì airson piseach a thoirt air seirbeisean Ospadail Phort Rìgh a chaidh a mholadh ann an ath-sgrùdadh bho chionn sia bliadhna.
Am measg na chaidh a mholadh 's e gum bi cùram èiginneach ri fhaotainn 24 uairean de thìde fad na seachdain.
Thuirt Ms Fhoirbeis gun robh i duilich mun bhàs agus thug i taing dha na seirbheisean èiginn.
Ach thuirt i gun robh i "gu math draghail le aithrisean mu na duilgheadasan a bhith a' faighinn cothrom aig ospadal Phort Rìgh air uidheamachd mheidigeach a tha a dhìth ann an cùis èiginneach."
Thuirt i: "'S e a' chiad amas agam am fiosrachadh gu lèir fhaighinn gus an tuig mi dè dìreach a thachair, agus san dàrna àite feumaidh cunntachalachd a bhith ann."

Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis na BPA don Eilean Sgitheanach, Bàideanach agus Loch Abar
Thuirt Ms Fhoirbeis: "Tha mi fhèin agus luchd-iomairt slàinte air a bhith ag iarraidh gun tèid a h-uile moladh ann an aithisg Sir Lewis Ritchie a chur an gnìomh airson greis a-nis.
"Tha sia bliadhna air a dhol seachad, agus tha na cinn-la airson na molaidhean a choileanadh a' sìor atharrachadh.
"Bu chòir muinntir cheann a tuath an Eilein Sgitheanach misneachd a bhith aca gu bheil an t-seirbheis slàinte aca seasmhach."
"Tha ar cridhe briste"
Dh'innis Skye Live gu bheil "an cridhe briste" is gu bheil na smuaintean aca le teaghlach an neach a chaochail.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' co-obrachadh leis na h-ùghdarrasan.
Gheall NHS na Gàidhealtachd air a'mhios seo chaidh gum bi cùram èiginneach 24 uairean ri fhaighinn aig Ospadal Phort Rìgh as t-samhradh.
Dh'innis na poilis gu bheil an rannsachadh a' leantainn ach nach eil dùil gu bheil dad amharasach mun chùis.
Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.