Cùram èiginneach 24 uairean a thìde am Port Rìgh "as t-samhradh"
- Air fhoillseachadh
Thuirt cathraiche buidheann-stiùiridh Sir Lewis Ritchie gun d'fhuair iad gealltanas gum bi cùram èiginneach 24 uairean ri fhaighinn aig Ospadal Phort Rìgh às t-samhradh.
Tha sia bliadhna ann bho dh'fhoillsich Sir Lewis Ritchie aithisg le modail ùr 'son seirbheisean slàinte taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse, is Iar-Dheas Rois.
Bha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd air aontachadh aig an àm gabhail ris na molaidhean air fad a chuir Sir Lewis air adhart.
Nam measg bha gum biodh seirbheisean èiginneach taobh a-muigh nan uairean obrach àbhaisteach air an glèidheadh aig Ospadal Phort Rìgh là 's a dh'oidhche.
Cha do thachair sin.
Disathairne chaidh luchd-iomairt bhon bhuidhinn SOS-NHS a chaismeachd tro Phort Rìgh is iad a' togail fianais mu sheirbheisean slàinte ann an ceann a tuath an eilein.
Às dèidh dhaibh coinneachadh ri ceannardan NHS na Gàidhealtachd Diluain, thuirt SOS-NHS gu bheil dragh mòr orra fhathast mun t-suidheachadh.
Bha coinneamh eile ann Dimàirt is buidheann-stiùiridh Sir Lewis Ritchie a' coinneachadh ris a' bhòrd-slàinte is Sir Lewis fhèin san èisteachd.
A' bruidhinn às dèidh làimhe, thuirt cathraiche na buidhne gun tàinig gealltanas gun tèid cùram èiginneach aig Ospadal Phort Rìgh a leudachadh is gum bi seirbheis 24 uairean fichead ann as t-samhradh.
Thuirt an Comh Calum Rothach gu bheil feum air trèanadh mus tachair seo.
Tha e ag ràdh gu bheil muinntir an àite air earbsa a chall ann an NHS na Gàidhealtachd is gu bheil cuideam air h-ùghdarrasan a-nise dèanamh cinnteach gun tig an gealltanas seo gu buil.
"Tha sinn a' sealltainn air le dòchas gun tachair e ach gu dearbh mura tachair e, tha ceistean mòra, mòra mu choinneimh bòrd NHS na Gàidhealtachd, tha ceistean mòra, mòra an uairsin aig na buill-phàrlamaid ann an Dùn Èideann agus aig Ministear na Slàinte.
"Aig an ìre seo tha sinn a' gabhail ris gum faigh sinn seirbheis agus mura bi, bidh ceistean rim freagairt an uairsin.
"Tha an cleoc a' ruith airson NHS na Gàidhealtachd agus a' ruith gu math luath", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An Cèitean 2022
- Air fhoillseachadh8 An Cèitean 2018