Turas sgrìobhaidh a New Zealand do Dhòmhnall S Moireach

- Air fhoillseachadh
Fhuair an sgrìobhadair Leòdhasach Dòmhnall S Moireach, a tha aithnichte airson leabhraichean mar 'As the Women Lay Dreaming', agus 'The Guga Hunters', Comhaltachd Sgrìobhaidh ann an New Zealand an ath-bhliadhna.
'S e Ionad Eòlais na h-Alba agus na h-Èireann aig Oilthigh Otago ann an Dunedin a tha air cùl seo.
Chuir stiùiriche an ionaid, Liam McIlvanney, fàilte air an naidheachd.
Thuirt e gum bi e fìor mhath do dh'oileanaich agus dhan choimhearsnachd anns an fharsaingeachd gum bi sgrìobhadair cho math agus cho eòlach aca ann an Dunedin.
Bha e cuideachd ag ràdh gu bheil daonnachd is sgil an-còmhnaidh follaiseach na obair.
Bidh an t-urram seo ga thoirt do sgrìobhadairean Albannach is Èireannach, bliadhna mu seach.
Duais dha DS Moireach
- Air fhoillseachadh18 An t-Ògmhios 2020
Cliù às ùr do nobhailiche eileanach
- Air fhoillseachadh15 An Cèitean 2020
Bidh Maighstir Moireach, a tha a' fuireach ann an Sealtainn, ann an New Zealand anns an Lùnastal agus an t-Sultain an ath-bhliadhna.
Ged a 's e seo a' chiad turas a bhios aig Dòmhnall S Moireach dhan dùthaich, tha e ag ràdh gum biodh e tric a' cluinntinn sgeulachdan mu New Zealand na òige ann an Dail bho Dheas ann an Nis.
Bhruidhinn e air Aithris na Maidne Diardaoin mu na ceanglaichean a tha eadar na h-Eileanan an Iar is Sealtainn agus an sgìre seo de New Zealand: "Tha Gaelic agus Shetland Club shìos ann an Dunedin."
Thuirt Mgr Moireach gum bi e ri teagasg agus rannsachadh ann an New Zealand agus gum bu chòir dhan turas obair chruthachail a bhrosnachadh.
Thuirt e: "Chan eil dut sam bith agam gun tig sgrìobhadh a-mach às."
Tha mòran siubhail ron ùghdar an ath-bhliadhna.
A thuilleadh air turas New Zealand, thuirt e gum bi e ann an Canada anns a' Ghiblean an ath-bhliadhna agus gun deach iarraidh air a dhol a dh'Astràilia cuideachd.