Dùil ri 20,000 luchd-tadhail aig Tursachan Chalanais ann an 2026

Chìthear an seann ionad-tadhail a thathar a' leasachadh pìos shìos bhon làraich ro-eachdraidheil
- Air fhoillseachadh
'S e Tursachan Chalanais an làrach as motha sna h-Eileanan an Iar a tha a' tarraing luchd-turais ach cha bhi na h-uimhir a' dol ann am-bliadhna fhad 's a tha na goireasan gan leasachadh.
Tha an taigh-bìdh, na taighean-beaga, a' bhùth agus an seòmar-taisbeanaidh uile gu bhith dùinte fhad 's a tha an obair a' dol air adhart.
Mar sin, cha bhi na busaichean mòra luchd-turais a' stad ann mar as àbhaist.
Tha Urras nan Tursachan ag ràdh, ge-tà, gu bheil iad misneachail gum bi an obair deiseil airson seusan turasachd 2026 agus dùil ri còrr is 20,000 luchd-tadhail.

Tha dùil gum bi an t-ionad ùr "freagarrach agus comasach" airson na thig ann a ghabhail
Tha Coinneach MacIllinnein, ball de bhòrd Urras nan Tursachan, ag ràdh gu bheil an làrach "cudromach dha-rìribh".
"'S e seo an t-àite dham bi a h-uile duine a' tighinn, gu h-àraid duine sam bith a tha a' tighinn air làithean-saora gu Leòdhas agus Na Hearadh.
"Tha a h-uile duine aca ag iarraidh a thighinn a dh'fhaicinn Thursachan Chalanais.
"Tha sinn an dùil gum bi còrr is 20,000 duine a' tighinn a choimhead nan Tursachan an ath-bhliadhna," thuirt e.

Thuirt Coinneach MacIllinnein gu bheil misneachd aca gum bi an obair deiseil airson seusan turasachd 2026
Mhìnich Mgr MacIllinnein gu bheil an obair leasachaidh a' dol mar a bu mhiann leotha.
Thuirt e: "Tha seo gu bhith na ionad turasachd ùr air fad. Tha an t-ionad a bh' againn 30 bliadhna de dh'aois agus tha sin gu bhith na ionad taisbeanaidh air fad.
"A thuilleadh air an sin, tha togalach ùr gu bhith ann far am bi bùth agus cafaidh, agus bidh togalach ann do dhuine sam bith a tha ga iarraidh.
"Bidh e dhan choimhearsnachd airson coinneamhan beaga agus bainnsean agus rud sam bith mar sin."

Tha soidhne aig an làraich a' mìneachadh na tha san amharc aca agus cò ris a bhios an t-ionad ùr coltach
Cosgaidh an obair leasachaidh £10m, an t-airgead as motha a chaidh a chosg air Tursachan Chalanais ann an 5,000 bliadhna mar a tha soidhne aig na tursachan ag ràdh.
Ged nach eil dùil ris na h-uimhir de luchd-tadhail aig an làraich ro-eachdraidheil am-bliadhna tha dùil ri fàs mòr sna bliadhnaichean ri teachd.
"Mar a tha na bàtaichean-turais mòra a' tighinn a-steach a Steòrnabhagh tha barrachd agus barrachd dhaoine a' dol a thighinn.
"Mar sin, tha an t-àite seo gu bhith freagarrach agus comasach airson na tha sin de dhaoine a ghabhail," thuirt Coinneach MacIllinnein.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 An Cèitean 2024
- Air fhoillseachadh3 An Giblean