Seòlaidhean a bharrachd: "Bhithinn an dòchas gun èisteadh iad"

Loch nam MadadhTùs an deilbh, Eilidh Carr
  • Air fhoillseachadh

Thuirt cathraiche HITRANS gum biodh cothroman mòra ann dha Uibhist a Tuath is na Hearadh le trì seòlaidhean air ais 's air adhart gach là dhan Eilean Sgitheanach, ged a tha CalMac ag ràdh gun dèan a dhà a' chùis "gu cofhurtail".

Bhon ath-bhliadhna bidh dà aiseag ùr aig CalMac is seirbheisean fa leth eadar Ùige is an Tairbeart is Ùige is Loch nam Madadh.

Thathas a' togail an MV Claymore agus an MV Lochmor anns an Tuirc an-dràsta.

Ged a tha air iarrtas air nochdadh mar-thà gur e trì seòlaidhean air ais is air adhart gach là a bu chòir a bhith ann, tha CalMac ag ràdh gu bheil iad den bheachd gun dèan a dhà an gnothach.

Tha HITRANS a-nise ag ràdh gu bheil argamaid làidir ann airson seòlaidhean a bharrachd.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt cathraiche HITRANS, Ùisdean Robasdan, a tha cuideachd na chathraiche air Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, gu bheil fianais ann air diofar shlighean gun cleachd daoine seirbheisean ma tha iad ann is misneachd aca annta.

Thuirt e gu bheil Uibhist a Tuath is na Hearadh air a bhith a' roinn seirbheis aiseig fad bhliadhnaichean mòra a-nise is gu bheil cothrom ann fàs leis an leudachadh seo.

Tha e a' cumail a-mach gu bheil na coimhearsnachdan aonaichte gu bheil feum air seòlaidhean a bharrachd.

Tha e ag ràdh gum biodh iomadh buannachd ann.

"Tha iad ag ràdh gu bheil suas ri millean luchd-turais a' tighinn a-staigh dhan Eilean Sgitheanach is bhiodh e math nam faigheadh sinn cothrom pàirt den fheadhainn a thoirt tarsainn 'son là is ma chòrdas an t-àite riutha tillidh iad 'son ùine nas fhaide," thuirt Mgr Robasdan.

"Ach gu h-àraid an turas seo tha sinn air tòrr bheachdan fhaighinn air ais bhon fheadhainn a tha a' tarraing bathair: bho bhùthan 'son stuth fhaighinn a-staigh nas tràithe, is cuideachd taighean-stàile is obair na feamad, tha sinn air tòrr fhaighinn air ais bho ghnìomhachasan air dè tha a dhìth orra."

Tha Mgr Robasdan ag ràdh gum bu chòir dha na trì seòlaidhean a bhith ann fad na bliadhna, fiù 's ged nach biodh an t-iarrtas buileach cho mòr tro mhìosan a' gheamhraidh.

Is thuirt e gu bheil e cudromach gun tèid seo aontachadh mus tòisich na seirbheisean ùra.

"Tha sinn air fhaicinn anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, aon uair is gun dèan CalMac suas an intinn mu chlàr-ama tha e gu math, gu math doirbh atharrachadh.

"Tha mi an dòchas gun atharraich iad seo, tha sinn air tòrr rannsachaidh a dhèanamh is air an t-uabhas bheachdan fhaighinn air ais is tha a h-uile duine air an aon ràmh.

"Bhithinn an dòchas gun èisteadh iad," thuirt e.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ùisdean Robasdan a' bruidhinn ri Seumas Dòmhnallach air Aithris na Maidne Dimàirt

Ann am brath thuirt CalMac gu bheil iad ag obair air clàran-ama airson nan slighean ùra is gun tèid beachdachadh air an fhiosrachadh a thàinig bho HITRANS, ged a rinn iad soilleir gu bheil iad den bheachd gu bheil dà sheòladh gach là gu leòr.

Thuirt iad le dà aiseag is slighean fa leth gum bi cothrom ann 10% a bharrachd de charbadan a ghabhail air gach seòladh is 42% a bharrachd gach seachdain tro mhìosan an t-samhraidh le seòlaidhean a bharrachd.

"Tha sinn an dùil gun dèan sinn an gnothach gu cofhurtail le dà sheòladh air ais is air adhart tron t-samhradh," thuirt tè-labhairt bho ChalMac.

"Tha am fiosrachadh a th' againn a' sealltainn gu bheil dùil ann an 2026 gun tèid 54% de na h-àitichean air bòrd a chleachdadh eadar Ùige is Loch nam Madadh is 60% eadar Ùige is an Tairbeart.

"Tha sin a' fàgail gu bheil fìor dheagh chothrom ann fàs a thoirt air na bhios a' cleachdadh nan seirbheisean."