Àrd-Oifigear air Stòras fhàgail

Darren Mac an TàilleirTùs an deilbh, STÒRAS UIBHIST
  • Air fhoillseachadh

Tha Àrd-Oifigear Stòras Uibhist, Darren Mac an Tàilleir, air a' bhuidheann fhàgail 's e a' gluasad gu taobh sear Shasainn.

Dh'innis Stòras gun do dh'fhàg Mgr Mac an Tàilleir a dhreuchd san Iuchar.

Chaidh fhastadh mar Àrd-Oifigear Eadar-amail an toiseach ann an 2019, 's e ron sin air a bhith na mhanaisear stiùiridh air stèisean rèidio coimearsalta.

Dh'innis e gu bheil e air a dhol na sheanair 's gu bheil e ag iarraidh a bhith nas fhaisge air an teaghlach ann an Sasainn.

"Tha e air còrdadh rium gu mòr a bhith ag obair aig Stòras, ach tha an t-àm agam gluasad air adhart," thuirt e.

"Tha a' bhean agam, Kate, agus mi fhèin air a dhol nar seann-phàrantan airson a' chiad uair, agus tha sinn airson a bhith an urrainn uiread de dh'ùine 's a ghabhas a chur seachad le ar nighinn agus an duine aice 's an leanabh Jean.

"'S e àite sònraichte dha-rìribh a th' ann an Uibhist a Deas, agus mairidh na càirdeasan agus a' chuimhne a th' agam air an àite fhad 's is beò mi."

Tha seo a' tighinn ge-tà, agus Sealladh na Beinne Mòire - a' chompanaidh a tha os cionn Stòras Uibhist - fhathast às aonais chathraiche, an dèidh do dh'Iain Stephen Moireasdan an dreuchd tha sin fhàgail aig toiseach na bliadhna an dèidh ceithir mìosan san obair.

Tha iar-chathraiche na companaidh, Raghnall MacCoinnich, a' gabhail uallaich a' chathraiche gu h-eadar-amail.