Clann Dhùn Bheagain "air an trèigsinn"

Bun-sgoil Dhùn Bheagain
  • Air fhoillseachadh

Tha pàrantan ann an Dùn Bheagan ag ràdh gu bheil iad a' faireachdainn gun deach clann na sgìre a thrèigsinn leis an dàil air sgoil ùir san sgìre.

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd prògram calpa ùr nas tràithe air a' mhìos le deich sgoiltean ùra a bha san amharc am measg phròiseactan nach tèid air adhart aig an ìre seo ri linn dìth ionmhais.

'S e briseadh-dùil mòr a bh' ann do phàrantan ann an Dùn Bheagan gun robh an sgoil acasan nam measg.

Tha iad ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum air sgoil ùr is goireasan eile san sgìre.

"Tha taigheadas is goireasan spòrs an lùib nam planaichean seo a thuilleadh air sgoil", thuirt cathraiche Comhairle nam Pàrant ann an Dùn Bheagan, Anna Chaimbeul.

"Tha gainnead uabhasach de ghoireasan an seo is cha deach airgead a chosg ann an Dùn Bheagan no iar-thuath an Eilein Sgitheanaich fad bhliadhnaichean.

"Tha e a' toirt buaidh air a' choimhearsnachd gu lèir is tha e coltach gun deach ar dìochuimhneachadh", thuirt i.

Thòisich iomairt 'son sgoile ùire san sgìre bho chionn grunn bhliadhnaichean is mì-thoileachas mòr ann mun togalach a th' ann.

Tha pàrantan ag ràdh gu bheil a' chlann feumach is airidh air togalach ùr.

"Tha sinn a' fàiligeadh na cloinne"

"Tha sinn a' faireachdainn gu mòr gun deach ar trèigsinn", thuirt Anna Chaimbeul.

"Feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd is Riaghaltas na h-Alba coimhead ris oir tha Dùn Bheagan cho airidh air sgoil ùir 's a tha clann ann an sgìre sam bith eile.

"Feumaidh iad èisteachd rinn oir tha sinn a' fàiligeadh na cloinne leis an t-suidheachadh a th' ann.

Ged a tha pàrantan ag ràdh gu bheil dleastanas air na h-ùghdarrasan sgoil ùr a thogail, thuirt iad gur dòcha gum feum iad an gnothach a ghabhail nan làmhan fhèin air a' cheann thall.

Thog Anna Chaimbeul air suidheachadh Sròn an t-Sìthein far an do thog a' choimhearsnachd sgoil ùr.

"Mura tèid seo air adhart bidh againn ri coimhead ri roghainnean eile. Tha coimhearsnachdan eile air Ghàidhealtachd air soirbheachadh leis na sgoiltean aca fhèin is 's e Sròn Sròn an t-Sìthein an eiseimpleir as fheàrr air sin.

"'S ann air a' Chomhairle is an Riaghaltas a tha uallach seo a dhèanamh is chan eil sinn a' gèilleadh air sin, ach mar choimhearsnachd 's dòcha gum bi againn ri coimhead ri roghainnean eile 'son seo a thoirt gu buil".

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nuair a dh'aontaich iad am prògram calpa ùr gu bheil an suidheachadh ionmhais a th' ann a' fàgail nach urrainn dhaibh a dhol air adhart leis a h-uile pròiseact mar a bu mhiann leotha.

Thuirt iad gum feum iad airgead a chosg far a bheil e riatanach gus an tig barrachd ionmhais.

Dh'innis iad gu bheil iad fhathast gu mòr airson na sgoiltean ùra air an deach dàil a thogail, ach gu bheil seo a' crochadh air barrachd airgid fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.