Loidhne-dealain ùr san Eilean Sgitheanach "deatamach"

An t-Eilean Sgitheanach
  • Air fhoillseachadh

Thuirt fear a tha an sàs ann am plana 'son tuath-gaoithe ùr a stèidheachadh san Eilean Sgitheanach gu bheil an loidhne-dealain tron eilean coltach ri seann rathad singilte is gu bheil e follaiseach gum feum ùrachadh a dhèanamh oirre.

Aig an dearbh àm ge-tà, tha e air tighinn am bàrr gu bheil NàdarAlba cuideachd a-nise air draghan a thogail mu chruth is slighe na loidhne a tha san amharc aig SSEN bho Chille Chuimein gu ruige na h-Àirde Mòire ann am Bhatarnais.

Bhòt comhairlichean Gàidhealach an t-seachdain seo chaidh gus cur an aghaidh nam planaichean, a dh'aoindeoin is gun robh iad air taic a chur ris an dearbh phròiseact na bu tràithe air a' bhliadhna.

Nochd beachd ann an deasbad na comhairle gun dèanadh an loidhne milleadh air àrainneachd an eilein is nach robh feum air leasachadh cho mòr.

Air a' cheann thall, bhòt comhairlichean na aghaidh 11-9.

Thuirt SSEN gur e fìor bhriseadh-dùil a bha sa bhòt sin, is a-nise tha fear a tha an sàs ann an tè de na pròiseactan gus tuath-gaoithe a stèidheachadh san eilean ag ràdh gur e mearachd mhòr a bh' ann.

Tha Steve Macken ag obair aig Lomond Energy, companaidh a tha an sàs ann am plana gus tuath-gaoithe a thogail faisg air Breacais.

"Bu chòir dhan fheadhainn a chuir an aghaidh seo meòrachadh air às ùr an ath-thuras a thèid na solais dheth san Eilean Sgitheanach is droch shìde ann", thuirt Mgr Macken.

"Tha an loidhne eadar Cille Chuimein 's an t-Eilean Sgitheanach, tha i coltach ri seann rathad singilte a tha làn thuill. Feumaidh sinn loidhne ùr a dh'aithghearr.

"Chan ann a-mhàin gu bheil an loidhne a' frithealadh air an Eilean Sgitheanach, tha i cuideachd a' cumail taic ris an lìonra anns na h-Eileanan an Iar.

"'S e bun-structar deatamach a tha seo a dh'fheumas a bhith air ùrachadh", thuirt e.

Crainn

Ach tha planaichean SSEN air buille eile fhaighinn leis an naidheachd gu bheil NàdarAlba a' cur nan aghaidh.

Thog a' bhidheann dragh gu sònraichte mu phàirt den loidhne far an tig i a-steach dhan Eilean Sgitheanach.

Chan eil NàdarAlba riaraichte le tè seach tè de na roghainnean a chuir SSEN air adhart is iad ag ràdh gum faodadh am plana droch bhuaidh a thoirt air SAC Cheann Loch is Chaoil Àcainn.

"Tha sinn air cur an aghaidh an iarrtais air sgàth 's gum faodadh e buaidh a thoirt air feartan ar dualchas nàdarra a tha cudromach gu h-eadar-nàiseanta", mhìnich Robyn Ireland bho SSEN.

"Tha sinn a' cur an aghaidh an dà chuid an t-slighe a tha nam beachd agus an tè eile air sgàth 's, nar beachd-sa, bhiodh droch bhuaidh aig na dhà", thuirt i.

Bidh co-dhùnadh deireannach air a' chùis ann an làmhan Riaghaltas na h-Alba.

Tha dùil ris a' cho-dhùnadh sin tràth ann an 2024.

Bidh ceist ann às dèidh sin fhèin cuideachd ge-tà, is grunn phlanaichean ann an-dràsta gus tuathan-gaoithe a leasachadh san eilean.

Bidh na leasachaidh sin an urra ri cead fhaighinn sa chiad dol a-mach bhon dearbh chomataidh aig Comhairle na Gàidhealtachd a chuir an aghaidh na loidhne-dealain an t-seachdain seo chaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo