"Feum air soillearachadh" mu Rèile-Beinne a' Chàirn Ghuirm

Rèile-beinne a' Chàirn GhuirmTùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

Tha BPA Gàidhealach ag ràdh gu bheil feum air soillearachadh san aithghearrachd air suidheachadh rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm.

Bha an rèile-beinne dùinte fad ceithir bliadhna bho 2018 ri linn trioblaidean leis a' bhun-structar.

Ged a dh'fhosgail an goireas às ùr san Fhaoilleach 2023 às dèidh obair-càraidh £25m, chaidh a dhùnadh a-rithist san Lùnastal le trioblaidean teicnigeach.

Sgaoil Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, leis a bheil rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm, brath mun t-suidheachadh, taobh a-muigh Diluain.

Ged a dh'innis iad gu bheil iad ag obair gus an goireas fhosgladh mus tòisich seusan sneachda 2024/25, thuirt HIE nach eil e comasach dhaibh a ràdh le cinnt cuine dìreach a bhios an obair deiseil.

Tha am BPA Tòraidheach Eideard Mountain ag ràdh gu bheil an suidheachadh a' toirt buaidh mhòr air gnothachasan ionadail agus a' choimhearsnachd mun cuairt san fharsaingeachd.

"Chan eil mi a' tuigsinn ciamar as urrainn do Chompanaidh Beinne a' Chàirn Ghuirm fhèin agus gnothachasan eile san sgìre ullachadh a dhèanamh airson nam mìosan ri tighinn mura h-eil fios cuine bhios fear de na goireasan as cudromaiche a th' aca fosgailte", thuirt Mgr Mountain.

"Feumaidh sinn a bhith onarach mu dheidhinn dè dìreach na trioblaidean a th' ann is cuine bhios an loidhne fosgailte", thuirt e.

Dh'iarr Mgr Mountain às ùr cuideachd gum bi rannsachadh poblach ann mun ghnothach.

Thuirt HIE agus Balfour Beatty, a tha os cionn na h-obrach, gu bheil iad ag obair gus an loidhne fhosgladh "cho luath 's a ghabhas".