Rabhadh do Chomhairle na Gàidhealtachd gun crochadh air airgead-stòrais

An Dòrnaidh Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Comhairle na Gàidhealtachd an urra ri còrr agus 236,330 de shluagh

  • Air fhoillseachadh

Tha Coimisean nan Cunntasan air innse do Chomhairle na Gàidhealtachd nach eil e seasmhach mar a tha iad a' crochadh air airgead-tasgaidh agus fuasglaidhean ionmhais eile.

Thuirt a' bhuidheann-faire phoblach gu bheil planaichean àrd-amasach aig an ùghdarras ionadail gus cruth-atharrachadh a thoirt air seirbheisean thairis air an ath 20 bliadhna ach gum feum smachd a bhith aca air na tha iad a' toirt a-mach air iasad.

Rinn an coimisean moladh air na tha san amharc aig a' chomhairle gus rathaidean a leasachadh agus sgoiltean ùra a thogail, ach thuirt iad nach eil sin a' tachairt luath gu leòr.

Thuirt iad gun robh e na adbhar "iomnaidh" na bha a' chomhairle a' toirt a-mach de dh'airgead air iasad, suimean a bha nas àirde sa chumantas na bh' aig na 32 ùghdarrasan ionadail an Alba.

Thuirt neach-gairm na comhairle, Bill Lobban, gur e aithisg "mhath gu ìre mhòr" a bh' innte.

An-uiridh, chuir comhairlichean taic ri plana £2bn a chosg thairis air an ath 20 bliadhna airson rathaidean a chàradh agus sgoiltean a thogail.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gur ann tro bhith a' faighinn airgid air iasad agus le bhith a' cleachdadh 2% de na gheibheadh iad tron chìs-chomhairle a phàigheadh iad airson seo.

Tha 4,200 de rathaidean aig Comhairle na Gàidhealtachd - an lìonra rathaidean as fhaide sa Rìoghachd Aonaichte.

Tha cha mhòr 70 a-mach às na 200 sgoil aca air am meas aig ìre thruagh le 74 air am meas aig ìre nach eil buileach freagarrach.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd an urra ri sluagh 236,330.

'Sàbhalaidhean rin dèanamh'

San aithisg aca, thuirt an coimisean gun fheumadh misneachd a bhith aig comhairlichean agus luchd-obrach gum b' urrainn dhan ùghdarras ionadal pàigheadh airson an cuid planaichean.

Thuirt iad gun deach oidhirp mhòr a dhèanamh bèarnan buidseit a lìonadh ach gu bheil barrachd obrach a dhìth.

Chan eil e seasmhach, thuirt an coimisean, gun lean iad orra a' cleachdadh airgid-stòrais ged a dh'aithnich iad sin sa bhuidseat mu dheireadh aca.

Thuirt cathraiche a' choimisein, Jo Armstrong: "Tha dùbhlain ùra romhpa a thaobh a bhith a' dèanamh shàbhalaidhean agus tha e riatanach gun tig leasachadh a bharrachd air na ro-innleachan didseatach, IT agus luchd-obrach agus gum bidhear a' sgrùdadh mar a tha an obair sin a' dol gu cunbhalach.

"Chan eil piseach a' tighinn air cuid de sheirbheisean cho luath an taca ri comhairlean eile.

"Feumaidh a' chomhairle cumail orra coimhead air dòighean eile airson cùisean a leasachadh."

Thuirt Bill Lobban gun do dh'aithnich an aithisg na h-atharrachaidhean a chuir iad an gnìomh.

Thuirt e: "Tha sinn a' toirt feart air na tha an aithisg a' moladh mun dòigh sa bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' feuchainn ri cruth-atharrachadh a thoirt air mar a tha seirbheisean gan toirt seachad.

"Gu h-àraid, gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd air buidseat a stèidheachadh airson 2025-2026 nach eil idir a' cleachdadh airgid air a thasgadh airson a' bheàrn ionmhais a lìonadh."