Na mìltean dhaoine as aonais an dealain an dèidh Stoirm Éowyn

Craobh air tuiteam an Stoirm ÉowynTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha na mìltean dhachaighean as aonais cumhachd an dealain an dèidh an sgrios a dh'adbharaich Stoirm Éowyn air feadh Alba.

Tha Scottish Power Energy Networks, a tha a' cumail an dealain ri meadhan agus ceann a deas na dùthcha, ag ràdh gun robh timcheall air 9,000 dachaigh gun cumhachd feasgar na Sàbaid.

Thuirt a' chompanaidh Scottish and Southern Electricity Networks (SSEN) gun robh iad fhathast ag obair gus an dealan a thoirt air ais do 4,700 dachaigh, gu sònraichte an Earra-Ghaidheal, Ceann Tìre agus sna h-eileanan.

Aig àirde na stoirme, dh'fhàg a' ghaoth mhòr gun robh còrr air 280,000 dachaigh as aonais an dealain an Alba air fad.

Tha CalMac air na seòlaidhean eadar Àird Rosain agus Breadhaig a chur dheth Diluain agus dh'fhaodadh gum bi buaidh fhathast air seirbheisean eile.

Rinn an stoirm milleadh air cidhichean Cheann na Creige air tìr-mòr Earra-Ghàidheal agus Port Ilein ann an Ìle.

Thathar ag iarraidh air luchd-siubhail am fiosrachadh as ùire mu sheirbheisean a bhith aca mus falbh iad.

Tha buaidh fhathast air còmhdhail phoblach ach thuirt ScotRail gu bheil a' mhòr chuid de na seirbheisean aca a' ruith.

Cha bhi na slighean a leanas a' fosgladh Diluain, a rèir Network Rail:

Cill D'Fhinnein - Inbhir Àir/An Leargaidh/Àird Rosain

An Dail Riabhach - Am Bealach

Inbhir Àir - An t-Sròn Reamhar

Canàl Phàislig

Pàislig - Guraig/Bàgh Wemyss

Tha dùil gum fosgail a' chuid mhòr de sgoiltean, ged a thuirt Riaghaltas na h-Alba gum fuirich mu 20 dhiubh dùinte agus obair-chàraidh a dhìth.

Thuirt Poileas Alba gun d' fhuair iad faisg air 1,900 brath mun t-sìde bhon phoball air an deireadh-sheachdain, agus rathaidean dùinte le craobhan agus sprùilleach eile a' bacadh shlighean.

Bhàsach fireannach, 19, ann an Siorrachd Àir nuair a thuit craobh air a' chàr e.