Leanaidh buidheann-stiùiridh Sir Lewis Ritchie greis fhathast

Port Rìgh
  • Air fhoillseachadh

Chuala coinneamh am Port Rìgh gun do rinneadh adhartas ach gu bheil tuilleadh leasachaidh fhathast a dhìth air seirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach.

Mar sin, leanaidh obair na buidhne a stèidhicheadh airson molaidhean Sir Lewis Ritchie air cùram slàinte san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse is Taobh Siar Dheas Rois a thoirt gu buil.

Bha moladh cur às don bhuidhinn air a bheil riochdairean bhon choimhearsnachd agus NHS na Gàidhealtachd agus buidheann planaidh sgìreil a chur air bhonn mar a dh'fheumar fon lagh.

Cha tachair sin fhathast an dèidh cuid de mhuinntir an àite teagamhan a thogail aig a' choinneimh Diardaoin.

Luchd-iomairt NHS SOS a' togail fianais
Fo-thiotal an deilbh,

Tha luchd-iomairt slàinte ag ràdh gu bheil tuilleadh adhartais a dhìth

Thuirt cathraiche Buidheann-stiùiridh Sir Lewis Ritchie, an Comhairliche Calum Rothach: "Cha robh e cho èifeachdach agus a dh'fhaodadh e a bhith.

"Chaidh adhartas a dhèanamh agus tha rudan beaga air a bhith air an deasbad a rinn feum," thuirt e.

Bidh Mgr Rothach a' seasamh sìos bhon bhuidhinn agus, tro cheangal bhideo, dh'innis Sir Lewis Ritchie gum bi e fhèin a’ gabhail ceum air ais bhon chùis is dùil air aithisg dheireannach bhuaithe san Dùbhlachd.

Tha Niall Caimbeul na leas-chathriche air a' bhuidhinn-iomairt, SOS NHS, agus rinn e moladh air na rinn Sir Lewis dhaibh.

"Bha na molaidhean san aithisg a sgrìobh e ann an 2018 math dha-rìreabh airson an àite ach feumaidh an NHS an cur an sàs mus bi sinn toilichte," thuirt e.

Tha dùil gun coinnich Buidheann-stiùiridh Sir Lewis Ritchie co-dhiù aon turas eile an ceann trì miosan.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Bhruidhinn Gilleasbuig MacDhòmhnaill ri Calum Rothach às dèidh na coinneimh