Cùram cabhagach a là 's a dh'oidhche am Port Rìgh às ùr

Ospadal Phort Rìgh
  • Air fhoillseachadh

Tha cùram cabhagach a là 's a dh'oidhche seachd là san t-seachdain ann an Ospadal Phort Rìgh air tòiseachadh às ùr.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad airson dèanamh cinnteach gum faigh daoine "an cùram ceart, aig an àm cheart, san àite cheart".

Dh'innis iad gun deach modail a dhealbh, taobh a-muigh gus an cuid as fheàrr fhaighinn às na goireasan a th' aca is gum bi iad ga leasachadh anns na mìosan ri thighinn.

'S e seirbheis a tha air a ruith le àrd-nurs (ANP) a th' ann is an NHS ag ràdh gum bu chòir do dhaoine an-còmhnaidh fònadh gu NHS 24 air 111 an toiseach.

Bu chòir do dhaoine a tha ann an èiginn fònadh gu 999, taobh a-muigh fhathast.

Connspaid

'S e clach-mhìle a tha seo is connspaid air a bhith ann mun t-seirbheis fad bhliadhnaichean.

Bha NHS na Gàidhealtachd air gealltainn nuair a chaidh aithisg Sir Lewis Ritchie mu sheirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse is Iar-Dheas Rois fhoillseachadh ann an 2018 gun rachadh na molaidhean air fad a chur an gnìomh.

Ged a bha cùram cabhagach a là is 's a dh'oidhche ann an Ospadal Phort Rìgh nam measg, cha deach aig a' bhòrd air a chur an sàs gu cunbhalach is seirbheis gu math briste ann, no seirbheis nach robh idir ann.

Chaidh dàil cuideachd air oidhirpean gus an t-seirbheis ath-stèidheachadh.

Thuirt cathraiche buidheann-stiùiridh Sir Lewis Ritchie, an Comh Calum Rothach, sa Ghiblean am-bliadhna gun robh "an gleoc a' ruith airson NHS na Gàidhealtachd".

Ach 's ann a chaidh an ceòl air feadh na fìdhle buileach sa Chèitean is cùisean èiginneach ann aig fèis Skye Live.

Dh'innis Eilidh Pheutan, a dh'fhàs tinn às dèidh dhi a bhith aig an fhèis, gun robh dorsan Ospadal Phort Rìgh glaiste nuair a bha i ann an èiginn.

Chaochail boireannach eile a bh' aig an fhèis.

Chaidh an gnothach a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba is am Prìomh Mhinistear ag ràdh gun robh e a' sùileachadh gun rachadh cùram cabhagach 24/7 a stèidheachadh às ùr.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd aig an àm gun dèanadh iad ath-sgrùdadh air na thachair.

Toileachas

Air a' cheann thall thàinig dearbhadh bhon bhòrd-slàinte aig deireadh an Ògmhios gum biodh cùram cabhagach 24/7 ann am Port Rìgh bhon an-diugh, an 16mh den Lùnastal.

Thuirt stiùiriche nursaidh NHS na Gàidhealtachd, Louise Bussell, gu bheil iad glè thoilichte an ìre seo a ruighinn, is thug i taing do Sheirbheis Ambaileans na h-Alba agus dhan choimhearsnachd airson gach taic.

Thuirt am bòrd nach eilear a' moladh do dhaoine tighinn gu Ospadal Phort Rìgh gun fios a chur an toiseach, ged a tha iad ag ràdh gum bi e comasach do luchd-obrach taic a thoirt do dhaoine a nochdas gun coinneamh a chur air dòigh ro-làimh.

Bidh cùram èiginneach 999 fhathast air a stiùireadh à Ospadal an Àth Leathainn.

Le cùram a là is a dh'oidhche a-nise air tòiseachadh às ùr, bidh luchd-iomairt a tha air a bhith a' strì 'son na seirbheis fad bhliadhnaichean an dòchas gu bheil iad dha-rìribh air an ceann-uidhe a ruighinn.