Mì-thoileachas às ùr mu Loganair

Geàrr-shealladh
Tha gearainean ann às ùr mu sheirbheisean adhair eadar Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh a bhith air an cur dheth
Tha seo a' toirt buaidh gu sònraichte air euslaintich à Uibhist
An Comh. Ùisdean Robasdan ag ràdh "nach eil an t-seirbheis math gu leòr"
Tha CnES air an gnothach a thogail le Ministear na Còmhdhail
- Air fhoillseachadh
Tha mì-thoileachas ann às ùr mu Loganair is maill mhòr air euslaintich a-rithist às dèidh mar a chaidh seirbheisean eadar Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla a chur dheth.
Dh'fhàg trioblaidean an t-seachdain seo gum b' fheudar do dh'euslaintich à Uibhist oidhche a chur seachad ann an Steòrnabhagh, agus an uairsin aiseag a ghabhail bhon Tairbeart gu Ùige 's an uairsin a Loch nam Madadh airson faighinn dhachaigh.
Chaidh feadhainn eile a chur a Ghlaschu far an robh aca ri oidhche a chur seachad ann an taigh-òsta, is mocheirigh a dhèanamh airson plèana fhaighinn air ais a dh'Uibhist.
Bha connspaid ann air a' mhìos seo chaidh nuair a thàinig air seann duine, còrr air 80, siubhal còrr is 20 uair de thìde airson faighinn dhachaigh a dh'Uibhist an dèidh obair-lannsa air tìr-mòr.
Tha cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, ag ràdh "nach eil an t-seirbheis math gu leòr".
"Tha fhios aig Loganair is aig a h-uile duine a th' ann gun e dà là san t-seachdain a gheibh an t-itealan suas is air ais - sin agad Dimàirt is Diardaoin.
"Shaoileadh tu gun deadh a h-uile rud a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gun ruitheadh an t-seirbheis a tha seo thoradh tha tòrr a' dol suas dhan ospadal à Uibhist, gu h-àraid air an Dimàirt.
"Chan eil e math gu leòr idir is tha e gu math draghail ma tha seo a' dol a chumail air adhart thairis air mìosan a' Gheamhraidh, agus leis na trioblaidean a tha air a bhith againn, chan fhaic mi ach gun tachair seo a-rithist mura tèid dad a dhèanamh timcheall air", thuirt e.
Dh'innis an Comh. Robasdan gun do thog CnES an suidheachadh is a' bhuaidh air euslaintich ann an còmhraidhean le Ministear na Còmhdhail agus le Còmhdhail Alba an t-seachdain seo chaidh.
An Comh. Ùisdean Robasdan a' bruidhinn air Aithris na Maidne.
Thog na còmhraidhean sin cuideachd air na trioblaidean a th' ann an-dràsta leis an t-seirbheis aiseig air Caolas na Hearadh.
Tha dragh ann cuideachd nach bi fiù 's roghainn ann daoine a chur slighe Ùige a dh'aithghearr is cidhe Ùige gu bhith dùinte bho dheireadh na mìos fad grunn sheachdainnean.
Thuirt an Comh. Robasdan gu bheil e a' tuigsinn gu bheil gainnead phlèanaichean aig Loganair bho ghluais iad bhon Saab 340 gu ATR 42, is nach eil plèanaichean gu lèor aca airson fear eile a chur air dòigh gu luath nuair a tha trioblaid ann.
Ach tha e ag ràdh gum feum iad fuasgladh a lorg gus seirbheisean eadar Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh a chumail a' dol.
"Chan eil seo ach dà là san t-seachdain is tha mi a' smaoineachdainn gum bu chòir a h-uile oidhirp a dhèanamh, dèanamh cinnteach gum bi an t-seirbheis a' ruith Dimàirt is Diardaoin.
"Tha fhios aig Loganair is aig a h-uile duine gur e sin an dà là a tha daoine a' siubhal dhan ospadal.
"Tha mi a' smaoineachdainn gu bheil e gu math, gu math cudromach gun tèid an t-seirbheis sin a chumail cho làidir 's a ghabhas".
Thuirt Loganair gum bi trioblaidean a' bualadh air seirbheisean gach companaidh adhair a th' ann bho àm gu àm.
Dh'innis iad gur e sàbhailteachd an luchd-siubhail an rud as cudromaiche a th' ann dhaibh is nach eil iad a' cur dheth sheirbheisean ach mura h-eil roghainn eile ann.
Thuirt a' chompanaidh gun deach iad seachad air an dleastanas a th' orra san t-suidheachadh seo le àite-fuirich is dòighean-siubhail eile a chur air dòigh do luchd-siubhail.