Iarrtas gus faraidhean aiseig a reòthadh

MV Isle of Lewis
  • Air fhoillseachadh

Tha BP nan Eilean Siar ag ràdh gum bu chòir faraidhean aiseig dha na h-Eileanan an Iar a reòthadh gus faochadh a thoirt do ghnothachasan eileanach.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba san Dàmhair gun èirich faraidhean air a' chosta an iar 10% bho dheireadh a' Mhàirt.

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, gum biodh e "ro dhùbhlanach" an reothadh a bha an sàs air faraidhean a chumail a' dol.

Thuirt i gun robh an reòthadh a' cosg mu £10m sa bhliadhna.

Tha draghan air nochdadh anns na h-Eileanan an Iar bho chionn ghoirid ge-tà, mun bhuaidh aig àrdachadh ann am prìsean aig a' chompanaidh làraidhean DFDS gus stuth a thoirt dha na h-eileanan.

Cheannaich DFDS a' chompanaidh D.R. Macleod ann an 2023.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt Dolina Hogg, a tha ag obair ann an bùth Lovats ann an Uibhist a Deas, gu bheil co-dhiù aon chompanaidh air tìr-mòr a-nise air co-dhùnadh gun stuth a chur thuca 'son reic leis cho àrd 's a tha na cosgaisean lìbhrigidh.

Tha i ag ràdh gu bheil a' chùis a' bualadh air an t-uabhas de dhaoine.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Dolina Hogg a' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt.

"Chan eil duine nach eil a' fulang: muinntir an èisg, na croitearan, an fheadhainn a tha a' togail thaighean", thuirt Ms Hogg.

"Tha a h-uile duine a' fulang is tha e sgràthail".

Tha am BBC Naidheachdan air beachd iarraidh bho DFDS.

Thuirt BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, gu bheil esan gus an gnothach a thogail le DFDS nas fhaide den t-seachdain.

Ach tha Mgr Crichton cuideachd air sgrìobhadh gu Fiona Hyslop is e ag iarraidh oirre coimhead às ùr air faraidhean a reòthadh.

"Tha rannsachadh a rinn am BPA Làbarach Rhoda Ghrannd air lorg gun do dh'iarr CalMac àrdachadh 2% mar an atmhorachd ach gun deach Riaghaltas na h-Alba an aghaidh sin is gun do chuir iad 10% an sàs.

"Bha còir aig ministearan èisteachd ri CalMac ach leis an àrdachadh ann an cosgaisean airson stuth a chur a dh'Uibhist is Bharraigh, tha e foilleasach nach bu chòir dha faraidhean a dhol suas idir.

"Chan urrainn dha gnothachasan anns na h-eileanan dèiligeadh ri cosgaisean a tha a' sìor èirigh", thuirt e.