Fearg an Uibhist mu Ben-My-Chree
- Air fhoillseachadh
Rinn cuid ann an Uibhist càineadh air CalMac is Riaghaltas na h-Alba is iad ag ràdh gun robh còir aca feuchainn ri bàta-aiseig fhaighinn air màl bho chompanaidh ann an Eilean Mhanainn bho chionn mhìosan.
Thàinig e am bàrr Diluain gun dèan CalMac deuchainnean mara leis an aiseag MV Ben-My-Chree.
'S ann leis an Isle of Man Steam Packet Company a tha am bàta. Chan eil i air a cur gu feum leotha gu cunbhalach an-dràsta is bàta ùr, am Manxman, air tighinn a-steach a sheirbheis an-uiridh.
Tha dùil rithe a-nise ann an Alba an t-seachdain seo gus deuchainnean mara a thòiseachadh feuch an urrainn dhi ceangal ris a' chidhe anns an Truthail air tìr-mòr agus ann am Brodaig ann an Eilean Arainn.
"Tha sinn a' coimhead ri dòighean gus an lìonra a neartachadh tro gheamhradh dhùbhlanach," thuirt àrd-oifigear eadar-amail ChalMac, Donnchadh Mackison.
"Tha an soitheach seo nas motha na na bàtaichean a tha a' frithealadh air Eilean Arainn is mar sin bhiodh àitichean a bharrachd air an t-slighe agus bhiodh bàta air a shaoradh cuideachd 'son a dhol air slighe eile."
"Uibhist a Deas fhathast a' fulang gu mòr"
Thuirt e nach eil ann deuchainnean aig an ìre seo is nach deach aonta a dhèanamh fhathast, agus ma thachras sin gum foillsich CalMac planaichean an uairsin air mar a thèid bàtaichean eile a chur gu feum.
Dh'fheumadh an MV Ben-My-Chree fhathast a bhith saor 'son tilleadh gu seirbheisean Eilean Mhanainn aig amannan cuideachd.
Ach aig an dearbh àm, thuirt Buidheann Buaidh Ghnothachais Uibhist a Deas gu bheil "uabhas" orra nach robh CalMac is Riaghaltas na h-Alba air feuchainn ri Ben-My-Chree fhaighinn ron seo.
Thuirt iad gun do chuir iad fios gu CalMac sa Ghearran gus innse gun robh an t-aiseag gu bhith ri fhaighinn air màl is gun dèanadh e feum dhan lìonra, is nach cuala iad dad air ais.
"Nam biodh CalMac air Ben-my-Chree a thoirt air màl bho chionn naoi mìosan, nuair a bha e a' tighinn am bàrr nach biodh an MV Hebridean Isles air ais ann an seirbheis 'son ùine, cha bhiodh an call eaconomach air a' chost an iar idir cho mòr", thuirt a' bhuidheann.
"Tha Uibhist a Deas fhathast a' fulang gu mòr air sgàth staing aiseagan Riaghaltas na h-Alba le seachdainnean gun seirbheis as t-samhradh, is a' roinn seirbheis an-dràsta, taobh a-muigh le Barraigh - seirbheis a tha aig amannan a' toirt còrr is seachd uairean à tìr-mòr.
"Tha aiseag Uibhist a Deas an-dràsta air slighe Ìle, tha i 35 bliadhna a dh'aois, is 's i an aona bhàta ann an cabhlach ChalMac a tha freagarrach air an t-slighe agus as urrainn ceangal ann am Malaig, is cha deach bàta ùr òrdanachadh", thuirt iad.
Thuirt CalMac gu bheil iad tric a' coimhead air dè na bàtaichean a tha rim faighinn is a' beachdachadh a bheil iad freagarrach airson lìonra na companaidh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh30 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh25 An Lùnastal 2023