Aonta Sgìreil luach £70m do dh'Earra-Ghàidheal is Bòd

Baile BhòidTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Fhuair Earra-Ghàidheal is Bòd £70m fo Aonta Sgìreil a thèid a chleachdadh airson fàs a thoirt air an eaconomaidh ionadail.

Choinnich an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis BPA, agus Rùnaire Stàite na h-Alba, Iain Moireach BP, ri Ceannard Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Jim Lynch, ann am Baile Bhòid airson an ainmean a chur ris an aonta.

Bha dùil ri aonta oifigeil san Ògmhios an-uiridh ach chaidh a chur dheth air sgàth an taghaidh choitchinn.

Nochd ceist às dèidh sin is an riaghaltas ùr aig Westminster ag ràdh gun dèanadh iad co-dhùnadh nuair a bha ath-sgrùdadh air suidheachadh ionmhais na dùthcha seachad.

Dhearbh an Seansalair air a' cheann thall san Dàmhair gum faigheadh Earra-Ghàidheal is Bòd aonta sgìreil airson togail a thoirt air an eaconomaidh.

Thathar an dòchas gun tèid an t-airgead a chur an sàs ann an grunn phròiseactan a bhios a' cruthachadh co-dhiù 300 obraichean ùra agus a bheir piseach air turasachd agus airson dèiligeadh le staing an taigheadais san sgìre.

Chuir an Comh Lynch fàilte air an aonta 's e ag ràdh gu bheil iad airson airgead a chur mu choinneamh sgeama coimhearsnachd STEM am measg eile.

Tha an t-ùghdarras cuideachd an dòchas obrachadh còmhla ri Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean airson Ionad Treanaidh Gnìomhachas na Mara a stèidheachadh.

An Comh. Jim Lynch
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Jim Lynch gu bheil iad ag amas air fàs a thoirt air àireimh an t-sluaigh

Ach thuirt ceannard na comhairle gu bheil maoineachadh mar seo cudromach gus dèiligeadh le rudan a leithid crìonadh sluaigh ann an sgìrean dùthchail.

"'S e crìonadh sluaigh fear de na prìomh rudan a th' againn agus tha mi a' smaointinn gu bheil seo airson daoine a chumail an seo agus tha an t-uabhas chothroman an seo.

"Ma tha sinn a' bruidhinn mu na cothroman an lùib na h-eaconomaidh guirm, cothroman ann an gnìomhachas an uisge-bheatha, cothroman 'son grunn rudan eile gus an eaconomaidh an seo a bhrosnachadh.

"Agus 's e an t-amas a th' ann an seo toirt air an t-sluagh fàs, agus cothrom a thoirt do na daoine òga an seo oideachadh fhaighinn an seo, obraichean fhaighinn an seo agus tha mi a' smaoinntinn gur e cothrom air leth a tha sin dhuinn", thuirt an Comh Lynch.

Chaidh Aonta Dùthchail do dh'Earra-Ghàidheal fhoillseachadh an toiseach ann an 2019.

Ceit Fhoirbeis BPA
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh na h-aimean a chur ris an Aonta ann am Pàillean Bhaile Bhòid

Thadhail an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, agus Rùnaire Stàite na h-Alba, Iain Moireach, air Pàillean Bhaile Bhòid far an do chuir iad an ainmean ris an aonta, a mhaireas deich bliadhna.

Thuirt Ceit Fhoirbeis: "Tha Earra-Ghàidheal is Bòd làn chothroman le eachdraidh bheartach, seallaidhean iongantach, coimhearsnachdan làidir agus a' cur thairis le stòras nàdarra.

"Tha sinn a' toirt £25m seachad tron aonta seo airson obraichean a chruthachadh, in-ionmhais a thàladh, agus eaconomaidh na sgìre a chur air bun-stèidh maireannach.

"Bidh an t-aonta a' cumail taic ri pròiseactan airson saidheans mara a leasachadh, taic a thoirt do thrèanadh airson cothrom a thoirt do mhuinntir an àite obraichean fhaighinn agus airson turasachd a bhrosnachadh gus fàs maireannach san eaconomaidh a stèidheachadh.

"Tha an t-aonta a' coilionadh nan gealltanasan a thug sinn seachad airson dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile sgìre ann an Alba a' faighinn taic tro ionmhas aonta fàis", thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear.

Iain Moireach BP
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Iain Moireach gur e urram air leth a bh' ann a bhith a' tadhal air Eilean Bhòid

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cuideachd air £25m a chur ris an aonta, còmhla ri £20m eile bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus an com-pàirtean.

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Iain Moireach: "'S e urram air leth a bh' ann a bhith a' tadhal air Eilean Bhòid airson ar n-ainm a chur ri Aonta Sgìreil Earra-Ghàidheal is Bhòid luach £70m a bheir atharrachadh mòr air an sgìre.

"Leis gur e seo an t-aonta mu dheireadh den dusan aontaidhean Albannach, 's e urram sònraichte a bha seo.

"Tha sin a' ciallachadh gu bheil Riaghaltas na RA agus compàirtean air pasgan luach còrr is £3b a chur ri chèile, a' toirt spionnaidh do dh'fhàs aig ìre ionadail agus a' togail ìrean dòigh-beatha ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba".

Tha dùil gun tèid co-dhiù 300 obraichean a chruthachadh mar thoradh air an aonta, còmhla ri cothroman trèanaidh 'son còrr is 6,000 neach.

Thèid taic a thoirt do ghnothachasan airson fàs, taic 'son taighean ùra a thogail còmhla ri taighean do luchd-obrach, agus thathar cuideachd ag amas air àrdachadh de mu 70,000 a thoirt air an àireimh de luchd-tadhail dhan sgìre gach bliadhna.