Dòchas às ùr mu ICT

- Air fhoillseachadh
Tha luchd nan earrannan aig Caley Thistle Inbhir Nis ag ràdh gu bheil iad nas dòchasaiche mu shuidheachadh a' chluba às dèidh coinneimh Diciadain.
Thàinig e am bàrr nas tràithe an t-seachdain seo nach deach tairgsean sam bith a dhèanamh airson an cluba a cheannach.
Thuirt an luchd-rianachd BDO gu bheil ICT a-nise "ann an cunnart mòr".
Thuirt BDO gun robh dragh ann gu sònraichte timcheall air iasadan gu seann stiùirichean, cho sgapte 's a tha earrannan a' chluba, is cò leis a bheil fearann timcheall air pàirc ICT.
Chaidh coinneamh a ghairm Diciadain is seann chathraiche ICT Ailean MacCoinnich aig an stiùir.
Am measg luchd nan earrannan a bha an làthair bha seann stiùirichean a thug seachad iasadan mòra roimhe.
A' bruidhinn às dèidh làimh, thuirt Mgr MacCoinnich gun do dh'aontaich a h-uile duine a bha an làthair ri "molaidhean ciallach" gus freagairtean fhaighinn dha na ceistean uile.
Thuirt e gum bu chòir gum bi BDO a-nise ann an suidheachadh nas làidire gus an cluba a reic ri feadhainn a sheall ùidh ann, is gu bheil e an dòchas gum faigh an cluba aonta CVA is a-mach à rianachd ro dheireadh an t-seusain.
Thuirt Mgr MacCoinnich gu bheil feum air tòrr a dhèanamh ann an ùine ghoirid ach gu bheil e a-nise tòrr nas dòchasaiche gun gabh fuasgladh fhaighinn a dh'aithghearr.