Moss Park ga gabhail thairis air 1mh Giblein

Dachaigh-cùraim Moss Park
  • Air fhoillseachadh

Chaidh a dhearbhadh gun gabh Comhairle na Gàidhealtachd agus NHS na Gàidhealtachd dachaigh-cùraim Moss Park ann an Loch Abar thairis bhon chompanaidh HC-One air a' chiad là den Ghiblean.

San t-Sultain an-uiridh, dh'innis a' chompanaidh HC-One, a th' air a bhith a' ruith na dachaigh-cùraim gun robh iad am beachd a dùnadh.

Chaidh daoine air an casan, 's cuid ag ràdh, nan dùineadh Moss Park, gum feumadh iad an luchd-dàimh a thoirt dhachaigh a-rithist.

Tha 39 leapannan san dachaigh, agus còrr air 40 duine ag obair ann.

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd agus NHS na Gàidhealtachd gun gabhadh iadsan Moss Park thairis san t-Samhain.

Tha iad a-niste air dearbhadh gum bi iad fhèin ga ruith bhon 1d là den Ghiblean.

Ann am brath, thuirt iad gun obraich NHS na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd agus HC-One gu dlùth còmhla airson gnothaichean laghail a thoirt gu ceann, clàradh a dhèanamh le luchd-sgrùdaidh a' chùraim, agus an t-atharrachadh a dhèanamh cho siùbhlach 's a ghabhas anns na seachdainnean ri thighinn.