Cha tàinig piseach air seirbheis Taigh Shìophoirt mar a dh'iarr luchd-sgrùdaidh

Taigh Shìophoirt
  • Air fhoillseachadh

Tha Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim a' toirt rabhadh gum faodadh luchd-còmhnaidh Taigh Shìophoirt an Steòrnabhagh a bhith ann an cunnart mura tig piseach air mar a tha iad a' faighinn nan cungaidhean-leigheis aca.

Nochd iad an cuid draghan san treas aithisg aca a rinn iad air an t-seirbheis aig an dachaigh-chùraim sa bheil 52 leabaidh agus a dh'fhosgail as t-earrach an-uiridh.

Tha sin stèidhichte air sgrùdadh a rinn iad faisg air deireadh na Samhna an dèidh dhaibh draghan a thogail roimhe.

Tha an aithisg as ùire aca ag ràdh nach eil daoine anns an dachaigh fhathast "a' faighinn nan cungaidhean ceart aig na h-amannan ceart an còmhnaidh".

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil na ceannardan aig Taigh Shìophoirt ag obair còmhla ri Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim feuch piseach a thoirt air an t-seirbheis.

LàmhanTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair an luchd-sgrùdaidh gun robh an luchd-cùraim "coibhneil" ach nach robh siostam teann gu leòr airson cungaidhean-leigheis a thoirt don luchd-còmhnaidh

Sa Chèitean an-uiridh chaidh grunn easbhaidhean a chomharrachadh san dòigh san robh cungaidhean-leighis aig an taigh-chùraim ùr gan toirt seachad, agus dh'iarr iad air Comhairle nan Eilean Siar siostaman nas teinne a chur an sàs.

Dh'fhoillsich iad dàrna aithisg san Dàmhair an-uiridh a cho-dhùin nach deach dèiligeadh ris na laigsean a fhuair iad roimhe.

Ged a fhuair an luchd-sgrùdaidh gun robh an luchd-còmhnaidh air an coimhead às an dèidh gu "coibhneil is cùramach", bha fhathast draghan orra mu mar a bha drugaichean gan toirt seachad.

Bha chun an 9mh den Fhaoilleach am-bliadhna aig Comhairle nan eilean Siar cùisean a leasachadh.

Fhuair an sgrùdadh as ùire nach do thachair sin agus nach robh siostam ann fhathast "a bha teann gu leòr airson dèanamh cinnteach gun robh cungaidhean-leigheis gan toirt seachad gu sàbhailte," agus nach robh luchd-còmhnaidh fhathast "a' faighinn nan cungaidhean-leigheis ceart aig an uair cheart".

Cho-dhùin aithisg an luchd-sgrùdaidh gun robh cunnart ann gun toireadh seo "droch bhuaidh air slàinte agus sunnd an luchd-còmhnaidh".

Thuirt neach-labhairt Comhairle nan Eilean Siar: "Tha an obair againn a' leantainn a thaobh chungaidhean-leigheis agus obair-rianachd airson dèanamh cinnteach gu bheil an cùram aig Taigh Shìophoirt aig an ìre as àirde a ghabhas."