Co-chomhairle na cìse turasachd ga leudachadh

Diùranais an Eilein Sgitheanaich
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air co-chomhairle air planaichean gus cìs a chur air luchd-tadhail a leudachadh airson seachd seachdainnean eile.

Fo na molaidhean, rachadh cìs 5% air luchd-tadhail is Comhairle na Gàidhealtachd den bheachd gum faodadh seo £10m a thogail gach bliadhna.

Tha iad ag ràdh gun rachadh an t-airgead sin a chosg air seirbheisean is bun-structair a leasachadh.

Chuir an t-ùghdarras ionadail co-chomhairle air dòigh san t-Samhain le dùil gum biodh e a' crìochnachadh sa Ghearran.

Tha iad a-nise air a leudachadh chun an 31mh den Mhàrt.

"Bhon a chuir sinn a' cho-chomhairle air dòigh tha mòran mar-tha air beachd a thoirt seachad is tha sinn airson togail air sin", thuirt cathraiche Comataidh Eaconamaidh is Bun-structair Comhairle na Gàidhealtachd, Ken Gowans.

"Tha sinn air èisteachd ris na beachdan a fhuair sinn gu seo, is tha sinn a' sìneadh na co-chomhairle chun an 31mh den Mhàrt gus am bi cothrom aig gnothachasan, luchd-tadhail is coimhearsnachdan beachd a thoirt seachad.

"Tha sinn airson is gum bi am pròiseas cho fosgailte is farsaing 's a ghabhas".

Gheibhear a' cho-chomhairle an seo, taobh a-muigh.