Dùil ri bhòt air cìs turasachd air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd Diardaoin taic a chur ris a' chiad ìre ann a bhith a' stèidheachadh cìs turasachd agus cead a thoirt seachad 'son co-chomhairle fad trì mìosan.
Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gun deadh £10m a thogail gach bliadhna le cìs de a seòrsa.
Tha dragh air cuid ge-tà, mu mar a dh'obraicheadh i.
"Tha eagal orm gu bheil Roinn na Gàidhealtachd air an inntinn a dhèanamh suas mar thà, mu dheidhinn seo," thuirt Anna Mhàrtainn aig a bheil àite-fuirich san Eilean Sgitheanach.
"Chan eil fhios agam carson a tha 5% air.
"Chan eil mi an aghaidh cìs turasachd mar sin ach chan eil fhios agam carson ma tha daoine a' pàigheadh an t-uabhas airson a dol a-staigh gu taigh-òsta gu bheil aca ri 5% a phàigheadh.
"'S dòcha gum biodh e na b' fheàrr dìreach £2 gach duine no rudeigin a chur air dòigh," thuirt i.
Tha ceist air Ms Mhàrtainn cuideachd am feum daoine a tha a' siubhal airson an cuid obrach, no airson a dhol dhan dotair a' chìs a phàigheadh.
Tha ceist oirre cuideachd cò tha a' cumail smachd air an airgead 's a' dearbhadh gun tèid a chosg air leithid bun-structar a chumail suas mu choinneimh buaidh na turasachd.
Tha comhairlean air feadh Alba a' beachdachadh air cìs den leithid a chur air turasachd agus uallach mòr air ùghdarrasan ionadail a thaobh ionmhais.