Rannsachadh bàis air beathach lioncs a lorgar air a' Ghàidhealtachd

LioncsTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thèid rannsachadh a dhèanamh air beathach lioncs a bhàsaich às dèidh a bhith air a ghlacadh ann an coille faisg air Ceann a' Ghiùthsaich.

Uile gu lèir bha ceithir de na cait mhòra air an leigeil mu sgaoil an aghaidh an lagh ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air an t-seachdain-sa chaidh.

Chaidh a dhà a lorg Diardaoin, agus a dhà eile a chaidh fhaicinn Dihaoine.

Thuirt an RZSS gum biodh na beathaichean air a bhith fo uallach mòr às dèidh dhaibh a bhith air an saoradh ann an àrainneachd ùir air nach robh iad eòlach, ged nach deach a dhearbhadh fhathast carson a bhàsaich an lioncs seo.

Tha na trì beathaichean eile fo chùram Chomann Rìoghàil Sù-eòlais na h-Alba (RZSS), dham buin Sù Dhùn Èideann agus Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd.

Tha Poileas Alba air a ràdh gu bheil an rannsachadh acasan a' leantainn air ciamar a chaidh na ceithir beathaichean seo a leigeil mu sgaoil air a' Ghàidhealtachd.