Àrd-Oifigear ùr air Stòras Uibhist

Stòras Uibhist
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Àrd-Oifigear Eadar-amail ainmeachadh do Stòras Uibhist.

Bidh Huw Francis anns an dreuchd airson sia mìosan.

Tòisichidh e air an 8mh là den t-Sultain.

'S e Mgr Francis a' chiad Àrd-Stiùiriche air a' bhuidhinn nuair a cheannaich iad oighreachd Uibhist a Deas ann an 2006 's a bha os an cionn fad deich bliadhna.

Bho dh'fhàg e Stòras Uibhist, tha Mgr Francis air a bhith na Stiùiriche air Gàrradh Luibheach Nàiseanta na Cuimrigh, agus ag obair mar chomhairleach do bhuidhnean iomairt shòisealta sa Chuimrigh.

Dh'fhàg Darren Mac an Tàilleir, an t-àrd-oifigear a bh' ann, Stòras Uibhist air a' mhìos a chaidh an dèidh sia bliadhna.

Aig toiseach na bliadhna leig Iain Stephen Moireasdan obair seachad mar chathraiche Sealladh na Beinne Mòire - a' chompanaidh a tha os cionn Stòras Uibhist - às dèidh ceithir mìosan san obair.

Tha iar-chathraiche na companaidh, Raghnall MacCoinnich, a' gabhail uallaich a' chathraiche gu h-eadar-amail.

Ann am brath, thuirt Stòras gun toir Huw Francis seachad "ceannas agus seasmhachd" agus gun cuidich e leis a' phròiseas gus àrd-oifigear leantainneach fhastadh.

"Tha sinn toilichte a bhith ag obair le Huw às ùr is tha sinn misneachail gun neartaich e a' bhuidheann is caibideal ùr romhainn," thuirt iad.