Kathleen NicAsgaill: "Quine Obair Dheathain le cridhe Gàidhlig"

Kathleen NicAsgaill Tùs an deilbh, BILL LUCAS
  • Air fhoillseachadh

Nuair a chaidh Comhairle nan Eilean a stèidheachadh ann an 1975 b' i Kathleen NicAsgaill an aon bhall boireann am measg nan 30 ball a bh' ann.

Bha ceathrar bhoireannach eile air seasamh nuair a chaidh an taghadh a chumail air an 7mh den Chèitean 1974 ach b' i an aon tè a shoirbhich.

Ged a chaill a' Bh-Ph NicAsgaill aon taghadh san eadar-ama bha i a' riochdachadh uàrd Dhail gu 1994 nuair a dh'fhaillich oirre fhaighinn a-steach dhan Chomhairle a-rithist.

Bhàsaich i nas lugha na bliadhna gu leth on chall mu dheireadh sin.

Tha a mac, an t-Urr. Donnchadh MacAsgaill, a' smaoineachadh "gun do chaill i mòran neirt nuair a dh'fhalbh a' Chomhairle oir bha i a' faighinn na h-uimhir a bhrosnachadh às".

A' chiad Chomhairle nan EileanTùs an deilbh, BILL LUCAS
Fo-thiotal an deilbh,

B' i Kathleen an aon bhall boireann air a' chiad Chomhairle nan Eilean

Rugadh Elizabeth Anne Kathleen Jenkins Mhoireasdan an Obair Dheathain ann an 1923.

'S ann à Fitty a bha a màthair agus b' e Leòdhasach a bhuineadh do Chàrlabhagh athair dhi.

Aig àm an Dàrna Cogaidh bha i a' fuireach ann an Leòdhas greis agus a' dol gu Sgoil MhicNeacail.

B' e an caraid a b' fheàrr aice piuthar an duine a phòsadh i an dèidh dhaibh coinneachadh aig an oilthigh far an robh iad le chèile a' dèanamh dotaireachd ged a sguir ise an dèidh bliadhna.

Bha ceathrar chloinne aca, triùir bhalach agus nighean, agus chaidh an teaghlach a dh'fhuireach ann an Leòdhas tràth sna 1950an far an do rinn iad an dachaigh ann an Loidse Ghabhsainn.

Thuirt Agnes Rennie a thogadh ann an Gabhsann: "Cha b' urrainn dhut a bhith air a bhith beò nuair a bha mise nam nighean bheag ann an Gabhsann gun fios a bhith agad cò bh' ann an Kathleen NicAsgaill oir 's i bean an dotair."

Thòisich beatha phoblach bean an dotair ann an 1975 agus 's iongantach mura d' fhuair i misneachd bho a caraid Eleanor Ghreumach a bha na comhairliche do Nis air Comhairle Rois is Chrombaigh.

Agnes Rennie
Fo-thiotal an deilbh,

Nam b' e an-diugh a bhiodh ann bhiodh Kathleen air faighinn air adhart na b' fheàrr ann am poileataigs a rèir Agnes Rennie

Nuair a thill Agnes Rennie gu baile a h-àraich an dèidh an oilthigh 's e a' chiad dreuchd a bh' aice le Comann Eachdraidh Nis agus tha an obair aice sa choimhearsnachd air leantainn bhon uairsin.

Thuirt i: "Bha ùidh mhòr aig Kathleen NicAsgaill sna gnothaichean sin agus bha i taiceil dhan rud a bha sinn a' dèanamh."

Am measg nan rudan sin bha Pròiseact Van Leer a bha ag amas air ath-leasachadh coimhearsnachd agus am Pròiseact Dà-chànanach agus ùidh shònraichte aig Kathleen ann am foghlam.

Tha Agnes a' cuimhneacahdh: "Bha e follaiseach dhomh gun robh Kathleen na pàirt mhòr dhan Chomhairle agus gun robh i a' cur ris ann an dòigh a bha gu math inntinneach."

Catriona Dhòmhnallach
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir Catriona Dhòmhnallach eòlas air Kathleen nuair a chaidh a taghadh mar chomhairliche sgìre nam Bàgh sna Hearadh

"Fhuair mi uabhasach cuideachail i," thuirt Catriona Dhòmhnallach a chuir eòlas air Kathleen NicAsgaill ann an 1986 nuair a chaidh i fhèin na comhairliche airson sgìre nam Bàgh sna Hearadh.

"Saoilidh mi gun robh i a' dèanamh a dleastanais gum faod i a bhith na h-eisimpleir do fheadhainn mar mo leithid fhèin nuair a chaidh mi a-steach airson a' chiad uair.

"Bha i glic gu leòr airson gun deadh i a bhruidhinn ris na h-oifigearan airson freagairt fhaighinn do cheistean sam bith a bh' aice.

"Cha bhiodh i fada mus do thog i gnothach gum biodh tuigse aice fhèin air dè bhiodh ri dhèanamh."

Sheall Catriona dhomh leabhran beag a' sealltainn ballrachd Kathleen sna diofar chomataidhean agus fo-chomataidhean aig an àm sin.

Cha bheag an t-uallach a bh' air Kathleen ach cha robh i sa chathair ach air aon tè - foghlam.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Criomag bho thasglann a' BhBC agus Kathleen, a bha na Cathraiche air Comataidh an Fhoghlaim, a' mìneachadh gur e àrd-sgoil sia bliadhna do dh'Uibhist fhathast fear de dh'àrd-amasan aig a' Chomhairle.

A dh'aindeoin gach adhartais a rinn Kathleen taobh a-staigh na Comhairle agus an cliù poileataigeach a bha i a' cosnadh cha b' ann mar sin a bha san nàbachd aice.

B' e ceum air ais dhi nuair a chuir an sluagh an taic ris an tagraiche eile ann 1982 - a' chiad taghadh far an robh farpais air a bhith ann.

Chan eil Agnes Rennie, a fhuair eòlas i fhèin mar chomhairliche às dèidh sin, ag aontachadh le beachd cuid nach robh Kathleen a' dèanamh gu leòr gu h-ionadail agus a' dèanamh cus ann an Steòrnabhagh.

Thuirt i: "Tha mise a' smaoineachadh gur e boireannach a bh' innte a bha a' faicinn gun gabhadh rud a bhith air a dhèanamh nan cleachdadh tu samhail na Comhairle.

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh i fhathast a' riochdachadh na sgìre ach bha cuid a' miannachadh, no a' sùileachadh, gum faodadh i a bhith a' gabhail gnothaich ri bhith a' càradh nan toll sna rathaidean agus dìgean a ghlanadh agus na rudan sin a tha an-còmhnaidh nan dragh do dhaoine."

Kathleen NicAsgaill air a cuairteachadh le cloinn Tùs an deilbh, TEAGHLACH MACASGAILL
Fo-thiotal an deilbh,

Kathleen aig fosgladh raon-cluiche ann an Nis

Chaidh a taghadh a-rithist ann an 1986 agus mar an ceudna ann an 1990 nuair a dh'fhuiling i buille an dèidh a' bhòt a chall airson a dhol na Neach-Gairm.

Thàinig a mac, an t-Urr Donnchadh MacAsgaill, dhachaigh air a shon agus bha e san t-seòmar nuair a chaidh a' bhòt a chumail.

"B' e suidheachadh a bh' ann nuair a chaidh innse dhi le cuid, 'cuiridh mi an taic dhuibh a' Bh-Ph NicAsgaill', ach nuair a thàinig e gu là na bhòt chaill i.

"Nis, 's e buille a bha sin ach, a' coimhead air ais, dh'obraich e gu math oir an ath-bhliadhna thachair call BCCI.

"Mar sin, b' e faochadh a bh' ann dhi nach robh i na ceannard agus gun robh aice ri agallamhan a dhèanamh air beulaibh chamarathan," thuirt Donnchadh.

An t-Urr. Donnchadh MacAsgaill
Fo-thiotal an deilbh,

Tha mac Kathleen, an t-Urr. Donnchadh MacAsgaill, ag ràdh gun deach a slàinte sìos gu mòr nuair a chaill i bhòt an t-sluaigh airson an turas mu dheireadh

Sheas i uair eile ann an 1994. Seo an dàrna taghadh san robh farpais ann on chaidh i na comhairliche an toiseach agus, a-rithist, cha deach leatha.

Tha ceist ag èirigh aig àm a h-uile taghaidh mu cho beag 's a bha agus a tha de bhoireannaich am beatha phoileataigeach nan Eilean Siar an taca ri sgìrean eile.

San taghadh mu dheireadh ann an 2022 cha do shoirbhich ach le dithis thagraichean ged a bha ochdnar ann, agus an teirm ron sin cha robh ball boireann idir ann ged a sheas seachdnar bhoireannach.

'S e Comhairle Shiorrachd Àir a Deas a-mhàin aon aon chomhairle eile an Alba far a bheil an ìre mhath an aon suideachadh ann le dithis bhall boireann agus 28 buill uile gu lèir.

"Boireannach tuigseach a bh' innte"

'S e ceist mhòr carson a tha sin a rèir Agnes Rennie agus chan eil fhios aice dè am fuasgladh ach tha i cinnteach às gum biodh Kathleen NicAsgaill air faighinn air adhart na b' fheàrr san là an-diugh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e boireannach tuigseach a bh' innte agus gur e boireannach a bh' innte nam b' ann an-diugh a bhiodh ann a bhiodh air faighinn air adhart taobh a-staigh poileataigs airson bha ùidh mhòr aice ann agus a bhiodh air rudeigein a dhèanamh leis.

"Ach cha b' ann mar sin a bha agus tha mi a' smaoineachadh a rèir an là gun do rinn i tòrr agus ma dh'fhaoidte tòrr den sin nach robh tuigse againn dìreach uimhir a bha i a' dèanamh. "

Kathleen NicAsgaill air turas dhan Bheilg a' riochachadh na ComhairleTùs an deilbh, TEAGHLACH MACASGAILL
Fo-thiotal an deilbh,

Kathleen NicAsgaill air turas dhan Bheilg a' riochachadh na Comhairle

Fhuair i bàs san Dùbhlachd 1995, nas lugha na dà bhliadhna on thàinig a beatha phoileataigeach gu crìch.

Bha i 72 bliadhna de dh'aois.

Thuirt an t-Urr. MacAsgaill: "Chaidh a slàinte sìos gu mòr oir bha a' Chomhairle ga brosnachadh na h-uimhir thar nam bliadhnaichean.

"Bha meas mòr aice air a' Chomhairle agus bha i ga h-ionndrainn gu mòr."