"Aonadh nan eilean" ann an 1975 ga chomharrachadh

SteòrnabhaghTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha 50 bliadhna Dihaoine fhèin bho chaidh Comhairle nan Eilean a stèidheachadh, air an 16mh dhen Chèitean 1975.

Bidh tachartas aig comhairle an là an-diugh - air a bheil ainm rud beag eadar-dhealaichte, Comhairle nan Eilean Siar – ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh, airson rud a bha cudromach ann an eachdraidh nan eilean a chuimhneachadh.

Ach tha iad a' comharrachadh tòrr a bharrachd air toiseach Comhairle ùir, oir 's e a bha seo ach na h-Eileanan an Iar a' faighinn tomhais fèin-riaghlaidh airson a' chiad uair nan eachdraidh.

Ron sin bha Leòdhas air a riaghladh à Inbhir Pheofharain le Comhairle Siorrachd Rois is Chrombaigh, agus na h-eileanan a deas gan ruith le Comhairle Siorrachd Inbhir Nis.

Tha iad a' comharrachadh cuideachd gur e a bha seo ach rud air an tug aona chomhairliche anns na 70an "aonadh nan eilean."

Airson a' chiad uair bha Leòdhasaich, Hearaich, Uibhistich, is Barraich, agus muinntir nan eilean beaga eile mun cuairt orra, an ceann a chèile.

Fosgladh na Crìche

Chaidh an aonachd ùr sin a shamhlachadh do dh'fhear de na ciad chomhairlichean 's e air a shlighe à Uibhist chun na ciad coinneimh ceairt ann an Steòrnabhagh.

Bhuail an t-eadar-dhealachadh air an Urr. Ruairidh MacLeòid, a bha a' riochdachadh ceann a tuath Uibhist a Tuath agus Beàrnaraigh, 's e a' dol suas tro na Hearadh a Leòdhas anns a' chàr.

"A' dol tarsainn air a' chrìch (eadar na Hearadh agus Leòdhas) bha soidhne an-àirde le "Siorrachd Inbhir Nis" air an dàrna ceann dhen drochaid agus "Siorrachd Rois is Chrombaigh" air a' cheann eile. Nuair a thàinig mi air ais an ath mhadainn, cha robh sgeul air na soidhnichean – bha iad air an toirt a-nuas. Bha sin a' samhlachadh gun robh na h-eileanan air an toirt còmhla."

Creideamh nan Eilean

'S e aon rud a bha gu math follaiseach gun robh eadar-dhealachaidhean bunaiteach eadar na diofar eileanan, agus cha robh gin dhiubh sin a bu mhotha na creideamh.

Cha robh 's dòcha àite an Alba a bha cho Pròstanach ri Leòdhas agus na Hearadh, 's bha an creideamh Caitligeach làidir ann an leithid Uibhist a Deas, Barraigh is Èirisgeigh.

Ach ma bha ceist ciamar a thigeadh daoine cho eadar-dhealaichte anns an dòigh sin còmhla mar aona sgìre, cha do mhair e fada.

Bho thoiseach, bha cho cudromach 's a bha creideamh, agus a' bhuaidh a bha aig na h-eaglaisean, follaiseach leis na bha de phearsachan eaglais air a' chiad Chomhairle nan Eilean a chaidh a thaghadh – còignear a-mach à 30 comhairliche: ceathrar mhinistearan agus sagart.

Chaidh dithis dhiubh sin a thaghadh mar cheannardan na Comhairle ùire: an t-Urr. Dòmhnall MacAmhlaigh à Beàrnaraigh Leòdhais mar Fhear-Gairm agus Maighstir Calum MacIllfhiallain à Èirisgeigh mar Iar-Fhear-Gairm.

Calum MacIllfhiallain (làmh chlì) agus Dòmhnall MacAmhlaigh leis a' Bhanrigh Ealasaid aig fosgladh oifisean na Comhairle san Lùnastal 1979Tùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Calum MacIllfhiallain (làmh chlì) agus Dòmhnall MacAmhlaigh leis a' Bhanrigh Ealasaid aig fosgladh oifisean na Comhairle san Lùnastal 1979

Dh'obraich iad sin, agus gu dearbha na comhairlichean uile, fìor mhath còmhla ge bith cò às a bha iad. Bha spèis is urram aca dha chèile agus, creideamhan eadar-dhealaichte ann no às, bha tòrr a bharrachd gan aonadh mar eileanaich na bha gan sgaradh.

B' e Roy MacÌomhair à Steòrnabhagh a' chiad Àrd-Oifigear a bh' ann, agus ann an agallamh le BBC Naidheachdan bho chionn ghoirid, thuirt e nach robh trioblaid sam bith eadar na h-eileanaich bho thoiseach.

"'S ann a bha e an taobh eile," thuirt Mgr MacÌomhair. "Fhuair iad air adhart le chèile math dha-rìribh 's bha e furasta dhaibh a thuigsinn dè bha an duine eile ag ràdh 's mar sin bha tuigse ann."

Trioblaidean nan Eilean

Bha gu leòr aig Comhairle ùr nan Eilean ri dhèanamh, oir bha riaghladh aig astar bho thìr-mòr air na h-eileanan fhàgail a dhìth leasachaidh.

Bha sin gu sònraichte fìor mu na h-eileanan a deas a bh' air a bhith ann an Siorrachd Inbhir Nis, far an robh am bun-structar, eadar rathaidean, cabhsairean, aiseagan is sgoiltean gu math deireannach.

Roy MacÌomhair
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Roy MacÌomhair na Àrd-oifigear air Comhairle nan Eilean Siar eadar 1974 agus 1986

Bha tuigse anns a' Chomhairle ùir bho thoiseach gum feumadh na h-eileanan sin aig deas prìomhachas fhaighinn airson an toirt gu ìre.

Tha Roy MacÌomhair ag ràdh nach robh còmh-strì mhòr sam bith ann mun sin, agus gun robh tuigse ann an Leòdhas air feumalachdan nan nàbannan mu dheas.

Còmhdhail

Cha robh càil a bu chudromaiche na goireasan siubhail. Ann an agallamh ann an 1974, nuair a bha a' Chomhairle ùr na "shadow authority" mus gabhadh i làn-chumhachd a' bhliadhna às dèidh sin, chuir am Fear-Gairm Dòmhnall MacAmhlaigh am prìomh amas mar seo:

"'S e sin an rathad mòr a dhèanamh bhon Bhuta Leòdhasach gu Ceann Bharraigh agus na h-eileanan a cheangal ri chèile dha-rìribh air dhòigh 's gum bi e comasach a dhol le carbaid bhon dàrna ceann chun a' cheann eile. Agus tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir bàt-aiseig chàraichean a bhith eadar ceann a deas na Hearadh agus ceann a tuath Uibhist, agus 's dòcha tèile dhen t-seòrsa sin eadar Barraigh is Èirisgeigh."

Cabhsair Èirisgeigh
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhosgail cabhsair Èirisgeigh ann an 2001

Thug e bliadhnaichean a' ruighinn ìre far an deach cuid de na rudan sin a chur an sàs, ach thàinig mu dheireadh cabhsairean ùra is aiseagan ùra a cheangail na h-eileanan ri chèile.

'S e an rud bu mhòtha a bha air atharrachadh gun robh daoine anns na h-eileanan a bu lugha, leithid Bhatarsaigh, Èirisgeigh is Beàrnaraigh a-nis a' faighinn èisteachd ann an seòmar comhairle, rud nach robh iad fon t-seann siostam

Thuirt Maighstir Caluim MicIllFhiallain, a' bruidhinn aig toiseach na Comhairle ùire, "'S e an dòchas a th' agamsa gun dèan a' Chomhairle ùr a tha seo rud nach do rinn Comhairle Siorrachd Inbhir Nis a-riamh, agus gum faigh sinn freagairt dhòigheil airson na ceistean a tha muinntir nan eilean sin a' cur o chionn bhliadhnachan is bhliadhnachan."

Fèin-aithne is misneachd

Thug teachd na Comhairle rud eile dha na h-eileanan nach biodh air tighinn às a h-aonais.

'S e sin creideas às ùr anns na h-eileanan mar àite a ghabhadh leasachadh airson sluagh a chumail annta, agus mar àite aig an robh spèis dha chànan 's dha chultar fhèin.

Na eachdraidh-beatha a rinn e airson BBC Radio nan Gàidheal, thuirt an craoladair ainmeil Fred MacAmhlaigh nach maireann gur e "fòghlam is falbh" an fheallsanachd a bh' ann an Uibhist a Tuath na òige-san.

Sin mar a bha e anns na h-eileanan uile. 'S e foghlam – foghlam Beurla – fhaighinn agus na h-eileanan fhàgail a bha a' dol a thoirt soirbheas is adhartas do dhuine.

Ach bha Comhairle ùr nan Eilean airson sin a thionndadh mun cuairt, le taic a chur ris a' Ghàidhlig, ri dualchas nan eilean agus ri dòighean airson eileanaich a chumail aig an taigh agus an sluagh a chumail gun chrìonadh.

An t-Urr Jack MacArtair
Fo-thiotal an deilbh,

An t-Urr Jack MacArtair

B' e an t-Urr Jack MacArtair a' chiad chathraiche a bh' air Comataidh an Fhoghlaim, 's chuir e an fheallsanachd ùr an cèill:

"Tha sinn air a bhith a' teagaisg dhaoine ro thric ron seo airson a bhith a' fàgail nan eilean gus am beò-shlàint a dhèanamh ann an àiteachan eile. Saoilidh mi gu bheil e iomchaidh gum biodh sinn gan teagasg airson a bhith a' fuireach anns na h-eileanan ma ghabhas sin a bhith dèanta idir, agus tha seo a' tòiseachadh bhon chiad là a thèid iad dhan sgoil."

Mar phàirt dhen chreideas às ùr a bha seo anns na h-eileanan 's an dòigh beatha, chaidh iomadh oidhirp a dhèanamh air obraichean a thàladh is a dhèanamh nas fhasa cosnadh a dhèanamh aig an taigh.

Bha poileasaidh dà-chànanachais na Comhairle aig cridhe na h-ìomhaigh ùire a bha seo. Chaidh Gàidhlig a thoirt a-steach dha na bun-sgoiltean ann an dòigh às ùr, ged nach robh e càil coltach ris an fhoghlaim tro mheadhan na Gàidhlig agus am bogadh sa chànan a thigeadh air feadh Alba às dèidh sin.

Bha a' Ghàidhlig cuideachd a' faighinn àite ann an obair na Comhairle fhèin. Ach tha a' chiad àrd-oifigear, Roy MacÌomhair, a' cuimhneachadh nach robh e cho soirbheachail 's a bha iad a' miannachadh.

"'S e seòrsa de 'window dressing' a bh' ann," tha e ag ràdh.

Chan eil teagamh nach ann air crìonadh a tha a' Ghàidhlig, agus an dualchas a tha na lùib, anns an 50 bliadhna bho stèidhicheadh Comhairle nan Eilean.

Tha cuideachd an t-amas air misneachd ùr eaconomaigeach agus cothroman mòra do dh'eileanaich cosnadh a dhèanamh aig na taigh air bàrr car tana a thoirt a-mach, agus tha crìonadh sluaigh anns na h-eileanan fhathast na dhùbhlan mòr.

Chan eil teagamh nach eil bun-structar is goireasan anns na h-eileanan an-diugh fada air thoiseach air mar a bha iad uair, eadar cabhsairean a' ceangal eileanan ri chèile, rathaidean nas fheàrr, sgoiltean nas fheàrr 's mar sin air adhart, ach chan eil e furasta a' cheist a fhreagairt: an do choilean Comhairle nan Eilean na gheall i?

Roy MacÌomhair
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Roy MacÌomhair air adhart gu bhith os cionn COSLA

Cha robh Roy MacÌomhair ach 32 bliadhna de dh'aois nuair a ghabh e an stiùir mar àrd-oifigear ann na 1974. An-diugh, nar suidhe na dhachaigh ann na Dùn Èideann, chuir mi a' cheist sin air na sheann aois.

"Gu ìre," ars' esan. Tha e dhen bheachd gun robh an t-amas airson na h-eileanan ath-bheothachadh gu h-eaconomaigeach 's gu cultarail cho doirbh 's gur dòcha nach gabhadh e dèanamh chun na h-ìre a bha misneachd ùr nan 1970an a' miannachadh.

A thaobh na Gàidhlig, glèidheadh sluaigh, agus eaconomaidh tha e ag ràdh gun robh agus gu bheil, 's dòcha, "forces" an t-saoghail ro làidir air a' cheann thall, le sruth bras na Beurla agus soirbheas tarraingeach tìr-mòr an-còmhnaidh a' dol a dh'fhàgail nan Eilean Siar a' cothachadh an aghaidh an t-sruth.

Na h-Eileanan ri teachd

Tha na h-Eileanan an Iar a-nis a' coimhead romhpa chun an ath 50 bliadhna.

A dh'aindeoin gach adhartais, tha Àrd-Oifigear Comhairle an là an-diugh, Malcolm Burr, a' sgrìobhadh ann an leabhar a thug iad a-mach airson na 50 bliadhna a chomharrachadh: "Tha na dùbhlain as motha a tha ro na h-Eileanan an Iar fhathast mar a bha iad ann an 1975: glèidheadh sluaigh, barrachd sheann daoine seach daoine òga, agus dìth smachd is cinnt air ionmhas."

Tha e cuideachd a' togail air mar a tha goireasan siubhail – seirbheisean aiseig gu h-àraid – fada bho bhith mar a dh'iarradh iad, agus gu bheil sin a' cumail nan eilean air ais.

Malcolm Burr
Fo-thiotal an deilbh,

Malcolm Burr

Tha coltas gur dòcha gum feum ath-leasachadh eile a bhith ann air buidhnean is dòighean riaghlaidh nan eilean, le beachd gu bheil modail ùr a dhìth a bheireadh grunn de na buidhnean a tha a' ruith sheirbheisean dha na h-eileanan còmhla gu ìre air choirèirgin.

"'S e beachd na Comhairle gu bheil modail nas amalaichte a dhìth - an dà chuid a thaobh riaghlachais – airson dèanamh cinnteach à deamocrasaidh ionadail agus cunntachalachd – agus a thaobh seirbheisean a thoirt seachad," sgriobh e.