Bile nan Cànanan Albannach: "Taic a dhìth"

Dòmhnall MacNèill
  • Air fhoillseachadh

Feumaidh taic-airgid do chomhairlean a bhith an lùib Bhile ùr nan Cànanan Albannach.

Tha sin a rèir Dhòmhnaill MhicNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig.

Thèid am bile ùr mu choinneamh na Pàrlamaid ann an Holyrood ro dheireadh na mìos, agus am measg tha na th' ann tha cumhachd do dh'ùghdarrasan ionadail sgìrean sònraichte Gàidhlig a stèidheachadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e cnag na cùise dè tha e a' ciallachadh a bhith mar sgìre shònraichte?" thuirt Mgr MacNèill.

"Agus dè tha na diofar ìrean de na sgìrean sin a' ciallachadh?

"Tha mi a' smaoineachadh, le bhith a' fàgail cothrom, no uallach aig na comhairlean, na sgìrean sin a stèidheachadh, tha ceist eile a' sruthadh às an siud, agus 's e sin "cò às a thig an t-airgead?"

"Oir dè am math ann an sgìre shònraichte ainmeachadh mura h-eil airgead air choireigin na chois airson rudan ùra a chur an sàs?

Cunntachail

"Bidh gu leòr de na comhairlean, mar a tha an suidheachadh ionmhais aca an-dràsta, gu math teagmhach mu dheidhinn rudeigin mar seo a chur an sàs 's dòcha nach eil na phrìomhachas dhaibh am measg a h-uile càil eile.

"Mar a tha am Bile an-dràsta dh'fhaodadh gu bheil rudan ann a bhios feumail, 's dìreach nach eil fhios againn aig an ìre seo ciamar dìreach a thèid na rudan an sàs no dè th' air cùl nam briathran a th' againn an-dràsta.

"Le siud, mar eisimpleir, ma tha sinn ag amas air ro-innleachd nàiseanta ùr airson na Gàidhlig, agus gu bheil siud fhèin an urra ri ministearan seach Bòrd na Gàidhlig, bhiodh e na bu shoilleire cò dìreach a bhiodh cunntachail airson na rudan a tha sin a chur an sàs.

"Agus nan robh buidheann mar ChnaG, no cuideigin às an t-sràid ag iarraidh beachd a thogail mun Ghàidhlig dh'fhaodadh iad na beachdan a tha siud a chur am follais dhan Phàrlamaid, agus bhiodh barrachd chumhachd aig a' Phàrlamaid an uair sin ìmpidh no uallach a chur air ministearan.

"So tha siud fhèin nas deamocrataich mar a tha.

"Ach tha e doirbh a ràdh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e cnag na cùise dhomhsa dheth, tha tòrr den seo a dh'fhaodadh a bhith math, 's dòcha rudan a dh'fhaodadh a bhith nam buannachd, ach gus am faic sinn dè dìreach a tha a h-uile càil a tha sin a' ciallachadh, tha e car doirbh a ràdh.

"Rud nach eil sinn a' faicinn ann an seo, agus 's e siud guth air goireasan.

"'S dòcha nach cuireadh tu dad mu dheidhinn ghoireasan, taic-airgid, ann an rud mar seo, ann am bile.

"Ach mura h-eil goireasan a bharrachd againn airson an obair-leasachaidh a tha a dhìth, tha cùisean gu bhith doirbh fhathast ge b' i dè na structairean a bhios againn.

Structaran

"Bhathas a' bruidhinn ann am pàipear co-chomhairleachaidh an Riaghaltais ro làimh gun robhas a' dol a thoirt sùil air structaran Bhòrd na Gàidhlig.

"Chan fhaca sinn cus fhathast mun seo.

"Tha sinn a' faicinn gum bi cuid de na rudan gan toirt air falbh bho Bhòrd na Gàidhlig - mar eisimpleir uallach Plana Nàiseanta a dheasachadh.

"Ach a rèir choltais gum bi 's dòcha cumhachd a bharrachd aca a bhith a' togail fianais mu dheidhinn bhuidhnean nach eil a' ruighinn na h-ìre a bu chòir.

"Siud uile 's a chunnaic sinn fhathast.

"A bheil dad ann an sin a thaobh ghnìomhan leaschaidh? A thaobh uallaichean leasachaidh?

"A thaobh ciamar a bhiodh iad a' stiùireadh bhuidhnean mar Chomunn na Gàidhlig, no fèisean no Stòrlann no eile?

"Chan eil fiosrachadh gu leòr againn fhathast," thuirt e.