Balfour Beatty a' faighinn cùmhnant an A9

An A9 aig a' MhòighTùs an deilbh, David Dixon/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Cosgaidh e còrr air £180m gus sia mìle den rathad eadar an Tom Aitinn agus a' Mhòigh a leasachadh

  • Air fhoillseachadh

Thèid cùmhnant ùr airson an ath earrann den A9 a dhèanamh dà-fhillte chun na companaidh togail Balfour Beatty.

Dh'fhoillsich Còmhdhail Alba fios mun chùmnhnant Dimàirt, agus e gu bhith a' cosg £185m airson mu shia mìle den rathad eadar an Tom Aitinn agus a' Mhòigh, faisg air Inbhir Nis, a leasachadh.

Thàinig air Riaghaltas na h-Alba an cùmhnant airson na h-earrainn sin a chur a-mach gu tairsge a-rithist an-uiridh leis gur e aon chompanaidh a-mhàin a nochd ùidh ann.

Tha dùil a-nis gum bi an earrann sin den A9 deiseil ro dheireadh 2027.

Tha Riaghaltas na h-Alba air an càineadh fhaighinn seach nach eil an rathad eadar Inbhir Nis agus Peairt faisg air a bhith dà-fhìllte fhathast, a dh'aindeoin targaid gus crìoch a chur air ann am 2025 - targaid a chaidh a ghluasad gu 2035 an-uiridh.

A-rèir Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, aon uair 's gun tèid tòiseachadh air an t-slighe eadar an Tom Aitinn agus a' Mhòigh a leasachadh, cha stad an obair gus am bi an rathad air fad eadar Inbhir Nis agus Peairt dà-fhillte.