Maill air ath-fhosgladh Rèile-Beinne a' Chùirn Ghuirm "sàrachail dha-rìribh"

- Air fhoillseachadh
Tha an naidheachd nach tòisich Rèile-Beinne a' Chùirn Ghuirm ag obair às ùr ro dheireadh na bliadhna "sàrachail dha-rìribh" ach chan eil i na h-iongnadh, a rèir BhPA.
Dhùin an rèile-beinne anns an t-Sultain 2018 ri linn trioblaidean ann an structar na rèile fhèin.
An dèidh a càradh, dh'fhosgail e às ùr an dèidh grunn mhìosan, ach b' fheudar a dùnadh a-rithist airson tuilleadh obrach-càraidh.
Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE), leis a bheil an rèile-beinne, gu bheil iad an dòchas gum bi an obair sin ullamh tràth san Fhaoilleach.
Thuirt BPA Tòraidheach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Eideard Mountain ge-tà, gu bheil an t-àm ann coimhead ri companaidh eile a bhith an urra ris a' ghoireas.
"Chan eil e a' cur iongnadh orm, ach tha mi sàraichte dha-rìribh," thuirt e.
"Choinnich mi ri HIE goirid ron Nollaig, agus chaidh mi suas a' bheinn airson coimhead ris an obair-càraidh.
"Dh'innis iadsan dhomh gun robh iad den bheachd gun robh a h-uile rud a rèir a' chlàir-ama.
"Uill, gu follaiseach, chan eil, agus chan eil e a' cur iongnadh orm gu bheil an tuilleadh dàil ann.
Teachd-a-steach
"Tha mi riamh air a dhèanamh soilleir nach eil earbsa idir agam ann an HIE nuair a thig e gu Beinn a' Chùirn Ghuirm.
"Cha chreid mi gum bu chòir dhaibhsan a bhith an urra ris às leth muinntir na h-Alba.
"Bu chòir cuideigin eile a bhith ann.
"'S e briseadh-dùil mòr a th' ann dha na gnothachasan a tha an urra ris an rèile-beinne airson teachd-a-steach a chruthachadh dhaibh.
"Na h-oidean sgithidh, na companaidhean màil.
"Agus nach eil HIE idir a' toirt feairt dhaibhsan, 's dìreach ag adhbharachadh an tuilleadh dàil.
"Tha sin na bhriseadh-dùil mòr dha na gnothachasan sin air fad, agus na daoine a bha an dùil tighinn suas 's na ticeadan là a chleachdadh, 's na ticeadan seusain a chaidh a reic air thoiseach air an fhosgladh nach eil a-nis a' tachairt."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 Am Faoilleach 2019
- Air fhoillseachadh1 An Giblean 2024
- Air fhoillseachadh16 An Giblean 2024