Adhartas ann an Ceap Breatainn

  • Air fhoillseachadh
Cailean Dòmhnallach is Kevin DugasTùs an deilbh, Colaisde na Gàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,

An dithis a tha a' tòiseachadh aig Colaisde na Gàidhlig, Cailean Dòmhnallach is Kevin Dugas.

Tha a' Ghàidhlig a-nise air an rathad cheart aig Colaisde na Gàidhlig ann an Ceap Breatainn, a rèir stiùiriche ùr na cànain an sin.

'S e Cailean Dòmhnallach às Inbhir Nis ann an Ceap Breatainn a fhuair an obair, dreuchd a bha bàn aig a' Cholaisde bho chionn tacain.

Ged a chaidh Colaisde na Gàidhlig a stèidheachadh cho fada air ais ri 1938, tha daoine aig amannan air ceasnachadh dè dha-rìribh a bha i a' dèanamh às leth na cànain fhèin, ged a fhuair iomadh neach teagasg fìor mhath innte a thaobh leithid chiùil is dannsa gu sònraichte.

Nochd dòchas às ùr mu àite na Gàidhlig sa Cholaisde ann an 2011 le Ruairidh Dòmhnallach à Màbu, a bha roimhe na Phrìomhaire ann an Albainn Nuaidh, ga fhastadh mar Àrd-Stiùiriche.

Thàinig buile ge-tà aig deireadh 2013.

Bùrach

'S e bùrach a bha seo a chruthaich a' Cholaisde dhaibh fhèin gu ìre mhòir is iad a' sireadh urraim bhon Bhan-Rìgh.

Fhuair iad an t-urram sin le tiotal ùr gus 75 bliadhna bho chaidh a stèidheachadh a chomharrachadh - Colaisde Rìoghail na Gàidhlig.

Cha b' fhada idir ge-tà, gus an tàinig e am follais gun robh gu leòr sa choimhearsnachd nach robh a' faicinn seo iomchaidh idir is iad cuideachd mì-thoilichte nach d' fhuair iad cothrom beachd a thoirt air a' ghnothach mus deach an t-urram a shireadh.

Às dèidh deasbaid làidir, ghèill a' Cholaiste.

Cumaidh sinn an t-urram, thuirt iad, ach cha chuirear gu feum e ann an obair làitheil na Colaisde.

Miann

'S e miann na Colaisde a-nise, tha fios, gu bheil an gnothach doirbh sin seachad agus 's e naidheachd mhòr a th' ann dhaibh gu bheil dithis de dh'òigridh Cheap Breatainn, Cailean Dòmhnallach is Kevin Dugas, a' tòiseachadh ann an àrd-dhreuchdan sa Cholaisde.

Bidh dleastanas air Cailean mar Stiùiriche Gàidhlig na Colaisde 'son nan cùrsaichean Gàidhlig air fad.

Tha e fhèin mar shamhla air fàs na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh, pàirt de ghinealach ùr le Gàidhlig is e cuideachd aithnichte mar fhear-ciùil.

"Seo an obair a b' fheàrr leam gu dearbh, a bhith ag obair leis a' Ghàidhlig agus le leasachadh na Gàidhlig an seo.

"Tha mise a' faicinn gu bheil gnothaichean a' dol air an rathad cheart an seo a-nise.

Fàs

"Tha barrachd taic ann 'son nam programan Gàidhlig agus tha prògram ùr againn 'son na cloinneadh - 'Na Gàisgich Òga' - agus nam bheachd-sa, tha gnothaichean a' fàs nas fheàrr a thaobh na Gàidhlig an seo," thuirt e.

Tha Kevin Dugas, a bhuineas do dh' Inbhir Nis cuideachd, a' tòiseachadh mar Stiùiriche Obrach na Sgoile.

Na phìobaire cliùiteach, tha Mgr Dugas cuideachd na phàirt de ghinealach òg le freumhan làidir ann an dualchas na h-Albann Nuaidh.

Tha obair mhòr romhpa ach tha e coltach gu bheil dòchas às ùr mun Ghàidhlig ann an Albainn Nuaidh, agus mu àite Colaisde na Gàidhlig san ath-bheòthachadh sin.

"Tha sinn airson is gum bi sinn coltach ri Sabhal Mòr aon là, sìos an rathad, le cùrsaichean fad bliadhna an toiseach agus a' fàs bhon sin," thuirt Cailean Dòmhnallach.

An eas-aonta mu ainm an àite a-nise seachad, thathas airson sealltainn gu bheil an t-ionad airidh air an tiotail a bh' oirre bho thùs, Colaisde na Gàidhlig.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh