Fearg mu Bhun-Sgoil an Ath Leathainn

  • Air fhoillseachadh
Mullach

Thug BPA an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bhàideanach slaic air Comhairle na Gàidhealtachd mu staid Bhun-Sgoil an Ath Leathainn.

Sgrìobh sgoilearan bhon Ath Leathann chun na Comhairle is Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, an t-seachdain seo chaidh.

Thuirt iad nach eil uisge òl sàbhailte san sgoil, is gum bi seilcheagan a' nochdadh air na ballachan.

Tha dragh cuideachd ann gu bheil dampachd san sgoil a' fàgail gu bheil sgoilearan leis a' chuing a' fulang nas miosa.

Thuirt aon phàrant an-uiridh gu bheil suidheachadh na sgoile a-nise na "fhìor chùis-èiginn".

Tha Ceit Fhoirbeis a-nise air an ùghdarras ionadail a chàineadh.

Thuirt am BPA Fhoirbeis, a thadhail air an sgoil ron Nollaig, gu bheil e ann an staid a tha "maslach" is gur iad Comhairle na Gàidhealtachd as coireach.

Buaidh

"'S ann dìreach nuair a thèid thu dhan sgoil a thuigeas tu cho dona 's a tha an dampachd is clòimh-liath san togalach, agus a' bhuaidh a bhios aige seo air ionnsachadh is slàinte na cloinne," thuirt Ceit Fhoirbeis.

"Tha an sgoil seo air a bhith a' dol bhuaithe fad bhliadhnaichean is chan eil leisgeul idir aig Comhairle na Gàidhealtachd.

"Chuala mi comhairlichean ag ràdh gur e dìth ionmhais a bu choireach, ach bha Bun-Sgoil an Ath Leathainn a' cur feum air leasachadh fad iomadh bliadhna - bliadhnaichean nuair a bha airgead pailt is bliadhnaichean nuair a bha e gann.

"Tha bun-structar nan sgoiltean an urra ri Comhairle na Gàidhealtachd is tha daoine a' fàs sgìth de na leisgeulan," thuirt i.

Ann am brath-naidheachd thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air a' phrògram chalpa aca, is dùil gun tig aonta air plana calpa 10 bliadhna às sin.

Thuirt iad gu bheil airgead a bharrachd airson Bhun-Sgoil an Ath Leathainn is sgoiltean eile air a' Ghàidhealtachd am measg nan rudan air a bheil iad a' coimhead mar phàirt den phròiseas sin.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh