Feum air sgeama-ceadachaidh "san aithghearrachd" - Misneachd
- Air fhoillseachadh

Thuirt a' bhuidheann-iomairt Misneachd gu bheil uiread de dh'àitichean air màl do luchd-turais san Eilean Sgitheanach a-nise 's gu bheil e a' dèanamh cron air coimhearsnachdan an eilein.
Thàinig beachd bho Mhisneachd às dèidh dhan bhuidhinn turasachd SkyeConnect dragh a thogail mu sgeama-ceadachaidh 'son àitichean-fuirich air màl 'son ùine ghoirid.
Fo phlanaichean Riaghaltas na h-Alba, bidh aig ùghdarrasan ionadail uile ri sgeama den leithid a stèidheachadh ron Damhair 2022, is bidh feum aig gach àite den leithid air cead ron 1mh den Iuchar 2024.
Dh'innis an Riaghaltas gun deach an sgeama a dhealbh is coimhearsnachdan air feadh na h-Alba air draghan a thogail mu na th' ann de dh'àitichean air màl 'son ùine ghoirid.
Thuirt SkyeConnect gun cosgadh seo còrr is £100m sa bhliadhna do thurasachd san eilean is nach biodh taighean air an saoradh do mhuinntir an àite co-dhiù.
"cùis èiginn"
Ach 's ann a tha Misneachd ag ràdh gu bheil e na bhristeadh-dùil nach eil an sgeama ga chur an-sàs nas luaithe.
Tha a' bhuidheann ag ràdh gur e ceum air adhart a th' ann an sgeama-ceadachaidh agus planaichean 'son sgeamaichean-smachdachaidh a chuireadh cuingealachadh air na th' ann de thaighean air màl ghoirid.
"'S e cùis èiginn a th' ann a thaobh taigheadais san Eilean Sgitheanach agus tha sinn feumach air na ceumanan seo san aithghearrachd", thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bho Mhisneachd.
"Mur a dèilig thu leis na trioblaidean a th' againn, na trioblaidean structarach, chan eil e gu diofar cia mheud taigh a thogas iad, bidh iad an uairsin a' falbh dhan mhargaidh", thuirt e.
Thuirt Mgr Mac a' Bhàillidh gu bheil figearan a thaobh na tha e thaighean san Eilean Sgitheanach a tha a-mach air màl ghoirid "às an ciall".
"Tha sinn feumach air òigridh, tha sinn feumach air teaghlaichean òga a tha a' togail an cuid chloinne. Chan eil sinn ag iarraidh gum bi an t-Eilean Sgitheanach agus na Hearadh is àitichean air a' Ghàidhealtachd dìreach ann do luchd-turais", thuirt e.
Bha SkyeConnect air gearain gur e buille eile a tha san sgeama ùr nuair a tha turasachd mar-thà air fulang gu mòr ri linn Chovid-19.
"Cron"
A rèir na buidhne, bidh co-dhiù trì bliadhna eile ann mus till an àireamh de luchd-turais eadar-nàiseanta chun na h-ìre aig an robh i, is iad ag ràdh gun cuir cuid san eilean cùl ris a' ghnìomhachas air sgàth nan riaghailtean ùra.
Tha Misneachd ag ràdh ge-tà, gu bheil feum air cothromachadh a dhèanamh air àite turasachd san eilean.
"Chan urrainn coimhearsnachd sam bith a bhith beò air turasachd a-mhàin", thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh.
"Chan eil sin ri ràdh nach eil turasachd na pàirt dheth, ach tha sinne seachad air an ìre far a bheil seo gu feum nan coimhearsnachdan.
"Tha e a' dèanamh cron orra a-nise agus feumaidh sinn sgeama riaghailteachaidh air choireigin a tha math dha na coimhearsnachdan", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An Dùbhlachd 2021
- Air fhoillseachadh13 An Dùbhlachd 2021