"Super-sgoil Ghàidhlig" am meadhan na h-Alba?

Raonaid 's a nighean Jessa
Fo-thiotal an deilbh,

An dèidh a dhol tro FhtMG sa bhun-sgoil, chan eil cinnt aig Jessa air cothrom air a' chànan san àrd-sgoil

  • Air fhoillseachadh

Tha barail air nochdadh gum bu chòir "super-sgoil" Ghàidhlig a stèidheachadh do chloinn ann am meadhan na h-Alba.

Tha seo stèidhichte air beachd a thàinig bho thùs bho Chomann nam Pàrant.

Dhearbh ùghdarrasan ionadail ann am meadhan na dùthcha ri BBC Naidheachdan gu bheil iad a' coimhead ris a h-uile roghainn a th' ann a thaobh fàs a thoirt air FtMG aig ìre àrd-sgoile.

Tha foghlam Gàidhlig air fàs sna sgìrean timcheall Ghlaschu sna bliadhnaichean mu dheireadh, ach tha cuid de na bun-sgoiltean ann far nach eil foghlam àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn.

Tha Bòrd na Gàidhlig a' dèanamh rannsachaidh feuch dè an dòigh a b' fheàrr 'son a dhol air adhart.

Tha an suidheachadh a th' ann a' fàgail gu bheil cuid de phàrantan taobh a-muigh Ghlaschu a' cur an cuid chloinne gu diofar sgoiltean ann an diofar sgìrean comhairle.

Am measg na cloinne sin, tha Jessa, a bhios a' siubhal leth-uair a thìde ann an tacsaidh bho a dachaigh ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear chun na sgoile ann an Siorrachd Lannraig a Deas, 's an uair sin air ais.

Super-sgoil?

Tha triùir chloinne aig a pàrantan agus iad uile a' dol gu sgìrean diofraichte chun na sgoile.

Tha am fear as òige aig sgoil-àraich ann an Glaschu, an tè sa mheadhan ann am FtMG ann am bun-sgoil ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear fhèin, agus Jessa, an tè as sine, a' dol gu Siorrachd Lannraig a Deas, leis nach robh FtMG ri fhaighinn gu h-ionadail nuair a thòisich ise.

"'S e dùbhlan a th' ann a bhith a' cuimhneachadh cuin a tha na h-oidhcheannan pàrant, dannsaichean, agus làithean-saora sgoile," thuirt am màthair, Raonaid.

"'S e dùbhlan a th' ann, ach tha e ag obrachadh."

Tha Jessa ann am P5 's tha fuasgladh a dhìth ma tha i a' dol a leantainn ann am FtMG às dèidh na bun-sgoile.

"Chan eil àrd-sgoil Ghàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear an-dràsta," thuirt Raonaid.

"Tha iad air a ràdh rium gum bi tè ann 'son a' phàiste mheadhain agam, chan eil ise an-dràsta ach ann am P3."

Raonaid
Fo-thiotal an deilbh,

Le triùir chloinne a' dol gu trì sgoiltean ann an trì sgìrean eadar-dhealaichte, 's e dùbhlan a th' ann do Raonaid

Le Àrd-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' fàs làn le sgoilearan às a' bhaile fhèin, mhol Comann nam Pàrant gum faodadh grunn sgìrean comhairle obrachadh còmhla airson ionad no fiù 's àrd-sgoil fa leth a stèidheachadh - "super-sgoil" 'son nan sgìrean air iomall Ghlaschu.

Tha ceistean gu leòr ann a thaobh ciamar a dh'obraicheadh sin.

"Càite am biodh an togalach? Cò bhios a' pàigheadh airson an togalaich? Càite am biodh na cùmhnantan airson luchd-teagaisg?" thuirt Jim Whannel, a tha a' rannsachadh nan roghainnean às leth Bhòrd na Gàidhlig.

"Feumaidh na planaichean airson sin a bhith ro-innleachdail, a bhith air rudeigin a tha ùghdarrasan ionadail a' cruthachadh, a' coimhead san fharsainneachd air na feumalachdan a bhios aig teaghlaichean.

"Chan eil e cho sìmplidh."

Eisimpleir is Rabhadh

Chan eil modal den leithid ann aig an ìre seo ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Dh'fhaodar coimhead ri eisimpleir soirbheachail leithid Sgoil Chnoc Iòrdain ann an Glaschu, a th' air a maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.

No dh'fhaodar rabhadh fhaicinn ann an eisimpleir Sgoil Spòrs Ghlaschu nach eil a-niste a' gabhail an còrr sgoilearan bho thuit aonta maoineachaidh eadar comhairlean 's an Riaghaltas às a chèile.

Tha comhairlean air dearbhadh gu bheil iad a' coimhead ris an t-suidheachadh.

Ann am brath ri BBC Naidheachdan, thuirt Comhairle Siorrachd Inbhir Àir a Tuath: "Tha sinn an-dràsta a' coimhead ri roghainnean airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre àrd-soile a leudachadh.

"Mar phàirt den obair sin tha còmhraidhean air a bhith ann le ùghdarrasan foghlaim eile."

Thuirt Comhairle Siorrachd Rin Friu an Ear gu bheil iadsan toilichte gu bheil FtMG a' fàs san sgìre is gu bheil iad a' coimhead air dè an taic a bharrachd as urrainn dhaibh toirt seachad.

"Nuair a thug sinn a-steach FtMG aig ìre bun-sgoile, gheall sinn beachdachadh air mar a ghabhadh a leudachadh aig ìre nan tràth-bhliadhnaichean is ìre àrd-sgoile, is a' coimhead air na roghainnean uile a th' ann".

Dh'iarr am BBC beachd cuideachd bho Chomhairle Siorrachd Rinn Friu is tha sinn a' feitheamh freagairt.

Jessa
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Jessa ag ràdh gun cùm i oirre a' bruidhinn Gàidhlig

'S e fuasgladh a lorg a bheir cinnt do theaghlaichean am prìomhachas, a rèir Mhgr Whannel.

"Tha iad air taghadh foghlam tro Ghàidhlig aig ìre na bun-sgoile, agus an dùil mar sin dheth gum bi rudeigin leantainneach a' tachairt," thuirt e.

Tha e ag ràdh gum feum na fuasglaidhean a bhith "reusanta agus tarraingeach do phàrantan agus do luchd-teagaisg".

Thèid toradh an rannsachaidh a chur gu Bòrd na Gàidhlig ro dheireadh na bliadhna.

"Tha mi ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh ann an àrd-sgoil," thuirt Jessa.

"Cumaidh mi orm a' bruidhinn Gàidhlig."

Tuilleadh air an sgeulachd seo