Cumhachd air ais aig a h-uile duine às dèidh Stoirm Amy

Einnseanair SSEN ag obair san Àird Uaine an Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh
Chaidh an dealan a thilleadh chun a h-uile dachaigh a bha às aonais an dèidh Stoirm Amy.
Dhearbh SSEN gu bheil an obair sin a-niste deiseil cha mhòr seachdain an dèidh na stoirme deireadh na seachdain a chaidh.
Bha aca ri dealan a thilleadh gu 90,000 dachaigh air feadh na dùthcha, an dèidh dhan ghaoth suas ri 100msu a ruighinn ann an cuid de sgìrean.
Thuirt iad nach fhaca iad stoirm den leithid aig an àm seo den bhliadhna ron seo 's bruthadh nas ìsle na bha riamh 'son mìos na Dàmhair.
Tha SSEN ag ràdh gun deach milleadh a dhèanamh air loidhnichean dealain aig 750 làrach air feadh na dùthcha is gun robh cha mhòr 1,000 duine an sàs san iomairt gus cumhachd a thilleadh dhan a h-uile duine.
Dh'innis iad cuideachd gun robh craobhan air tighinn a-nuas "ann an àireamhan fìor mhòr" is eadar seo is tuiltean gun robh an obair aca gu math doirbh.

Loidhnichean dealain a thàinig a-nuas sa Bheulanaich an Earra-Ghàidheal
Thug a' chompanaidh taing dha daoine air an tug an stoirm buaidh airson an cuid foighidinn.
'"S e Amy tè de na stoirmean as miosa a bh' againn anns na bliadhnaichean mu dheireadh, ach bha cuideachd tè na h-iomairtean as motha nar n-eachdraidh fhada 'son dèiligeadh rithe," thuirt Nik Wheeler bho SSEN.
"Tha fiosam gu bheil cuid air a bhith a' feitheamh ùine gus dealan fhaighinn air ais is bu mhath leam taing a thoirt dhaibh 'son a bhith cho foighidinneach agus tuigseach, agus airson taic a chumail ris na sgiobaidhean againn fhad 's a bha iad ag obair ann an coimhearsnachdan ionadail."
Thuirt SSEN gu bheil còir aig daoine a bha as aonais an dealain 'son còrr is 12 uairean a thìde air airgead-dìolaidh.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun sin an seo, taobh a-muigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 15 uairean
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean