Ceistean mu FtMG air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Sgoil

Chaidh dragh a thogail às ùr a thaobh mar a tha clann ann am foghlam Gàidhlig air Ghàidhealtachd tric air an teagasg tron Bheurla nuair a tha tidsearan àbhaisteach far na sgoile.

Tha an trioblaid seo am measg na tha a' nochdadh ann an aithisg, taobh a-muigh a thèid air beulaibh Comataidh Foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd an ath-sheachdain.

Dh'innis an aithisg gu bheil an àireamh de chloinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean na Gàidhealtachd air èirigh a-rithist.

Thog i cuideachd ge-tà, air na trioblaidean a tha a' leantainn le gainnead luchd-teagaisg, trioblaid a th' ann air feadh na h-Alba.

Mhìnich an aithisg gun robh 15 dreuchdan bàn ann an FtMG air Ghàidhealtachd aig toiseach bliadhna-sgoile 2022/23, is chaidh togail cuideachd air gainnead mòr de thidsearan a tha comasach air a bhith ag obair sa Ghàidhlig nuair a tha tidsearan àbhaisteach dheth, rud a tha air a bhith a' bualadh air FtMG fad bhliadhnaichean.

Dh'innis an aithisg gur e foghlam tron Bheurla a gheibh na sgoilearan san t-suidheachadh seo.

Doirbh

Thuirt Iain Caimbeul, a tha air a bhith bliadhnaichean an sàs ann am foghlam agus rannsachadh na Gàidhlig, gu bheil na figearan san aithisg a' sealltainn gu bheil iarrtas mòr ann airson FtMG is mar a tha an roinn ann an iomadach dòigh a' soirbheachadh.

Dh'innis e ge-tà, gu bheil ceistean a' leantainn air mar a thathas a' dèiligeadh leis an iarrtas a th' ann air feadh na h-Alba, gu h-àraidh a thaobh àireamh thidsearan is luchd-taic.

Is thuirt e gu bheil e follaiseach nach eil dol às ann ach tidsearan Beurla a chleachdadh ann an suidheachaidhean nuair nach eil tidsear Gàidhlig ri fhaighinn.

"Tha e cianail doirbh do na h-ùghdarrasan ionadail dèiligeadh ris an t-suidheachadh sineach, mura h-eil tidsear Gàidhlig ann is mura h-eil tidsear Gàidhlig freagarrach air an supply list", thuirt Mgr Caimbeul.

"Chan eil dòigh air thalamh aca a tha iad a' dol a dhèiligeadh ri sin ach tidsear Beurla a chur a-staigh. Tha sin an uairsin a' dèanamh dìmeas air na sgoilearan, air na pàrantan, agus gu dearbh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Feumaidh sin a bhith air a cheartachadh o chionn 's ann a' sìor fhàs nas miosa a bhios an suidheachadh", thuirt e.

"Mion-chnuasachadh"

Mhol Mgr Caimbeul "mion-chnuasachadh" a dhèanamh air suidheachadh na Gàidhlig air feadh na h-Alba, is e ag ràdh gu bheil cothrom ann an-dràsta fhèin is an riaghaltas a' coimhead ri Bile nan Cànanan Albannach a thoirt air adhart.

Thuirt e gum bu chòir seo a chleachdadh gus poileasaidhean na Gàidhlig "a neartachadh gu mòr", gus am bi an dà chuid àireamhan sgoilearan is thidsearan ag èirigh.

Aig an dearbh àm, thuirt Bòrd na Gàidhlig gun tèid na figearan às ùire airson FtMG aig ìre nàiseanta fhoillseachadh fhathast.

Thuirt iad gur e siostaman ùra an riaghaltais as coireach gu bheil am fiosrachadh airson 2022 ochd mìosan air dheireadh.

Thuirt iad gu bheil iad an dùil am fiosrachadh fhaighinn bhon riaghaltas ann am beagan sheachdainnean agus gun tèid fhoillseachadh leotha às dèidh sin.